Council Logo - Link to Home Page
  Comhairle nan Eilean Siar | Weather  
Home
BBC Weather Centre
5 Day UK Forecast
Shipping Forecast
Inshore Forecast
BBC Weather Warning
Met Office
North West Scotland Forecast
Shipping Forecast
Inshore Forecast
Weather Warnings
Proudman Oceanographic Laboratory
7 Day Tidal Prediction
Western Isles Weather

Aimsir (Beurla)

S e aimsir Measarra Fairgeach a tha aig na h-Eileanan an Iar., 's e sin aimsir a tha air a taisealachadh le buaidh a' chuain.

Mar as trice, tha siostaman sìde na Leth-chruinne a Tuath a' gluasad bhon iar chun an ear, agus mar sin tha an t-sìde àbhaisteach anns na h-Eileanan an Iar a' tighinn air slighe cuain 5000 cilemeatair bho chosta an ear nan Stàitean Aonaichte. Tha sruth-cuain blàth ris an canar an toiseach Sruth a' Ghulf, agus an uair sin Seòl a' Chuain Shiair, a' sruthadh bho Linne Mhexico agus a' ruighinn nan eilean sco. Tha sin a'dèanamh cinnteach nach bi an teodhachd uair sam bith ag atharrachadh gu ìre ro-mhòr, ach tha e cuideachd a'giùlan mòran uisge do na h-eileanan.

Gun teagamh, thig sìde nach eil àbhaisteach bho àm gu àm. Uaireannan, thig fuachd bhon Artaic anns a' gheamhradh agus 's ann à sin as trice a thig frasan sneachda a laigheas, 's dòcha, airson là no dhà. Aig deireadh an earraich, 's àbhaist do ghreis de shìde thioram, ghrianach, chiùin a thighinn an lùib cudromàile àrd a shìneas bho Lochlann agus a sguabas ìsleachaidhean bhon Chuan Shiar gu taobh tuath no gu taobh deas nan eilean. 'S ann nuair a shuidhicheas àrdachadh-cudruim ann an taobh an ear na Roinn Eòrpa, agus a ghiùlaineas gaothan bhon ear-dheas èadhar blàth bhon Ear-Mheadhanach no bho cheann a deas Ruisia, as blàithe a bhios sìde samhraidh anns na h-eileanan.

Teodhachd

Sa chumantas,'s i an Lùnasdal a' mhìos as blàithe, agus ruigidh am figear-meadhain airson teodhachd-àrd faisg air 16°C. Chan eil mòran atharrachaidh sna figearan bho cheann gu ceann de na h-Eileanan Siar, le Beinn na Faoghla aig deas nas lugha na leth puinge nas blàithe, ann an cuibheasachd, na Steòrnabhagh aig tuath. Anns na mìosan as fhuaire, am Faoilleach agus an Gearran, ´s ann mu 7°C a tha am figear-meadhain airson teodhachd-àrd.

'S ann ainneamh a tha reothaidhean cruaidhe ann ri linn a' bhuaidh blàthachaidh a tha aig a' chuan mun cuairt, agus tha am figear-meadhain airson teodhachd-ìosal sa gheamhradh gu math os cionn ìre reothaidh aig 1.5 gu 2°C. 'S dòcha gun reòdh lochan bho àm gu àm, ach 's ann ainneamh chun na h-ìre 's gum biodh e sàbhailte spèileadh no fiù 's coiseachd air an deigh.

An taca ri Lunnainn far a bheil an teodhachd-àrd làitheil gu tric a' dol os cionn 30°C, 's ann ainneamh a tha na h-Eileanan an Iar a' dol os cionn cofhurtachd 20°C. Ged a tha na h-Eileanan 1300 cilemeatair nas fhaide tuath na Lunnainn, tha na figearan-meadhain airson teodhachd-ìosal faisg air a bhith co-ionnan. Tha teodhachd ìosal na h-oidhche ann an Lunnainn gu tric a' tuiteam nas ìsle na -10°C, ach 's ann ainneamh a thuiteas e fo -5°C anns na h-eileanan. Tha tlàths an fhoghair cuideachd a' leudachadh sèasan an fhàis agus cumaidh rèidhleanan a' fàs gu math a-steach don t-Samhain.

Sileadh

Chan eil gainnead uisge air na h-Eileanan an Iar idir, agus iad le mu 1200mm silidh sa bhliadhna. 'S e faisg air an aon uiread silidh a tha ann air feadh nan eilean, le Beinn na Faoghla beagan nas fliuiche na Steòrnabhagh. 'S ann ams na ceithir mìosan eadar an Dàmhair agus am Faoilleach a tha a' chuid as motha den uisge a' tuiteam (mu 45% den t-sileadh iomlan). 'S iad an Giblean agus an Cèitean as tiorma, le 63mm gach mìos sa chumantas. 'S ann ann an riochd fhrasan as motha a tha an t-uisge earraich seo a' tighinn agus bidh dùil ri faisg air leth nan làithean a bhith tiorarn anns an dà mhìos sin.

Cha bhi dùil ri ceò dhùmhail ach air aon là no dhà sa bhliadhna, ach gluaisidh ceò-mara a-steach bhon mhuir an-dràsta 's a-rithist, gu h-àraidh as t-earrach agus san t-samhradh.

Chan eil sneachd cudromach mar phàirt de dh'aimsir nan Eilean idir. Cha bhi e a'cur sneachda no flin ach air nas lugha na 30 là sa bhliadhna. Tha làithean le sneachd na laighe eadhan nas gainne na sin - nas lugha na 6 no 7 là sa bhliadhna. Tha seo glè fhàbharach do chroitearan a bhios a' geamhrachadh chaorach a-muigh. Tha e cuideachd a' còrdadh ri dràibhearan oir 's ann ainneamh a thèid maille mòr sam bith air trafaig le sneachd.

Gaoth

'S e eileamaid glt chudromach a th'anns a'ghaoith am an aimsir nan Eilean an Iar. Tha na figearan-meadhain airson astaran mìosail anns an raon 12 mìle-mara (13 mìle san uair) anns an Iuchar/Lùnasdal gu mu 16 mìle-mara (18 mìle san uair) anns an Dùbhlachd/Fhaoilleach. Tha figearan-meadhain airson astaran làitheil a tha nas àrde na 30 mìle-mara (35 mìle san uair) le sgalan os cionn 50 rnìle-mara (58 mìle san uair) cumanta gu leòr ge-tà, eadhan rè mìosan an t-samhraidh bho àm gu àm. B' e 98 mìle-mara (113 mìle san uair) anns a' Ghearran 1962 an sgal a bu làidire a chlàradh ann an Steòrnabhagh sna bliadhnachan bho dheireadh.

'S ann bhon iar-dheas as trice a bhios a ghaoth a' sèideadh ged is ann bhon iar-thuath a bhios mòran de na gaothan as làidire.

Tha e cumanta gaoth fhuar, thioram fhaighinn bhon ear anns a' Ghiblean ma shuidhicheas cudrom-àrd os cionn Lochlainn, agus 's dòcha gun seas e airson seachdain no dhà. Tha buaidh glè chruaidh aig a' ghaoith air fàs-bheatha a tha dìreach a' tighinn beò an dèidh a' gheamhraidh.

An dèidh meadhan na h-Ogmhios, tha e dualtach gum bi sruth-gaoithe ann a bhios eadar an iar-dheas agus an iar, agus tha sin a' toirt leis sìde thais agus thlàth a bhios air a giùlan air sreath de shiostaman-aghaidh bhon Chuan Shiar.

Aig toiseach a' gheamhraidh, bidh na gaothan a' tighinn fhathast bhon iar-dheas ach bidh e dualtach gum bi gaothan a' dol a-mach nas trice don iar-thuath no gu tuath. Bheir iad sin leotha frasan troma, gu tric de fhlin no eadhan sneachd an dèidh na Bliadhn' Uire.

Grian

Anns a' chumantas tha Beinn na Faoghla a' faighinn 1333 uairean grèine sa bhliadhna, agus Steòrnabhagh 1237. Tha sin an coimeas ri 1400 uairean ann an Lunnainn (Ionad na Side) agus 1332 ann an Dùn-Eideann (Gàrraidhean Rìoghail an Luibh-eòlais). Mar sin, tha na h-Eileanan an Iar cho grianach ii na prìomh bhailtean mu dheas. 'S ann aig amannan eadar-dhealaichte den bhliadhna a chithear a' ghrian ge-tà, oir 's iad na mìosan eadar an Giblean agus an t-Ogmhios as grianaiche anns na h-Eileanan an Iar agus tha an t-Iuchar agus an Lùnasdal caran nas doilleire. Nas fhaide gu deas, tha sìde ghrianach a' mairsinn anns an Iuchar agus san Lùnasdal. B' e 20 an t-Ogmhios 1977 an là bu ghrianaiche anns na Eileanan an Iar anns na 30 bliadhna mu dheireadh, nuair a fhuair Beinn na Faoghla 16.9 uairean grèine. Sa chumantas, bidh dùil ri 40 là le còrr air 9 uairean grèine gach bliadhna ach bidh dùil cuideachd ri 80 là gun ghrian idir.

Fad latha

Tha na h-Eileanan an Iar air domhan-leud àrd, agus rnar sin tha an t-atharrachadh ann am fad làithean glè fhollaiseach. Ann am meadhan an t-samhraidh, cha mhòr gu bheil dà uair a thìde dorchadais ann, ach ann am meadhan a' gheamhraidh bidh e dorch bho 4pm gu 9am.Co-dhùnadh

Co-dhùnadh

San fharsaingeachd, faodar a ràdh gum faighear aimsir thlàth, thais sna h-Eileanan an Iar, gun anabarrachd ann an eileamaid sam bith. Tha luchd-tuineachaidh agus luchd-tadhail ga fhaicinn mar bhuannachd nach eil sneachd agus reothadh pailt sa ghemhradh, nach eil an teodhachd claoidhteach as t-samhradh agus nach eil an èadhar air a thruailleadh


Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles