
Diluain 8 Cèitean 2000:
chaidh Calum Dòmhnallach, BP Westminster do na h-Eileanan Siar, a b'àbhaist
a bhith na mhinistear còmhdhail ann an Oifis na h-Alba, a-null a dh'Eirisgeigh
le buidhinn oifigeil. Le beagan cuideachaidh bho dhigear chuir e obair a'
chabhsair a dhol gu foirmeil.
Aig toiseach oifigeil na h-obrach thug Mgr Dòmhnallach taing do choimhearsnachd
Eirisgeigh airson cho foighidneach agus a dh'fhuirich iad gus a bhith air
an ceangal ri pàirt eile de cheann a deas nan Eilean Siar.
Bho chaidh Comhairle nan Eilean Siar a stèidheachadh ann an 1975 bha
e san amharc aca gum biodh na h-eileanan air an ceangal ri chèile.
Bha cuimhne aig Mgr Dòmhnallach air a' chiad deasbad le dàil
a bha aige an dèidh dha faighinn a-steach dhan Phàrlamaid ann
an 1987. B'ann mun chruaidh fheum a bha air cabhsair gu Bhatarsaigh a bha
sin.
"Tha mi fìor mhoiteil a bhith a' gabhail pàirt sa phròiseact
seo," thuirt e Diluain, deugachadh bhliadhnachan an dèidh a' chiad
deasbaid sin.
19 Ogmhìos 2000: bho thaobh
Eirisgeigh tha stèidh a' chabhsair a' sìneadh 150 meatair a-mach
don mhuir. Chaidh 14,000 tunna de chreig a dhòrtadh san earrainn seo
den stèidh. Thugadh sin uile à Eirisgeigh mar phàirt
de thogail an rathaid a tha a' tighinn chun chabhsair bhon cheann sin.
Air taobh Uibhist a Deas tha leasachadh air tòiseachadh air an làraich
às a bheil creag gu bhith air a cladhadh. Tha an rathad air am bi sin
air a tharraing 60% deiseil. Thathas an dùil tòiseachadh a'
togail a' chabhsair bhon taobh seo air 3 Iuchar.
24 Iuchar 2000: tha stèidh
a' chabhsair a-nis a' sìneadh 320 meatair a-mach bhon chladach. Thathas
a' sìor dhaingneachadh taobhan na stèidhe le creagan mòra.
Thugadh inneal-cladhadh le ruigse fhada bho thìr-mòr air bòrd
soithich air 23 Iuchar gus cuideachadh leis an obair. Tha 60,000 tunna de
chreig air an suidheachadh san stèidh. Air taobh Uibhist tha an cabhsair
air sìneadh gu 370 meatair. Bidh 1650 meatair sa chabhsair bho chladach
gu cladach an uair a bhios e deiseil.
Chrìochnaich arceòlaichean sgrùdadh air a' chreig aig
Ceann a' Ghàraidh ann an Eirisgeigh. Sin far am bi an ceann-aiseig
airson aiseag Chaolas Bharraigh. Thathas air tòiseachadh air an talamh-uachdrach
a rùsgadh air falbh. Thugadh tuilleadh uidheim bho thìr-mòr
air bòrd soithich air 23 Iuchar.
21 Lùnastal 2000: tha a'
chuid mhòr den obair air taobh Eirisgeigh a' cuimseachadh air a' chreag
a chuireadh don stèidh gu ruige seo a dhaingneachadh agus a dhìon
le creagan mòra. Thug bàta an t-inneal-cladhadh sònraichte
aig a bheil ruigse fhada bho thaobh Uibhist gu Eirisgeigh. Tha stèidh
a' chabhsair a' sìneadh 500 meatair a-mach bhon chladach agus tha 98,000
tunna de chreig air a dhol ann.
Air taobh Uibhist tha stèidh a' chabhsair a' sìneadh 460 meatair
bhon chladach.
Tha 20 meatair air a thogail den t-seach-rathad timcheall air far am bi earrann
na drochaid den chabhsair. Bidh an seach-rathad a' ruith ri taobh siar a'
chabhsair airson mu 100 meatair. Bheir sin cothrom an drochaid a bhios a'
ceangal dà cheann a' chabhsair ri chèile a bhith air a togail.
Is ann aig Ceann a' Ghàraidh a bhios an ceann-aiseig ann an Eirisgeigh
airson an aiseig a thathas an dùil a bhios a' ruith air Caolas Bharraigh.
Rinneadh a' chiad spreaghadh far am bi àite-cruinneachaidh nan càraichean
a bhios a' dol air an aiseag sin.
16 Sultain 2000: san t-seachdain
gu Disathairne 16 Sultain chùm an obair air taobh Eirisgeigh a' dol
agus tha stèidh a' chabhsair a-nis a' sìneadh 600 meatair a-mach
bhon chladach.
Tha 135,000 tunna de chreig a thugadh à Eirisgeigh air a shuidheachadh
sa chabhsair a-nis. Tha 350 meatair den cheangal-rathad a-steach bhon chladach
air a ghearradh sa chreig air Eirisgeigh. Aig an ìre seo tha beàrna
530 meatair eadar dà cheann a' chabhsair.
Air taobh Uibhist tha stèidh a' chabhsair a' sìneadh 465 meatair
a-mach bhon chladach. Tha 80 meatair den t-seach-rathad a thathas a' togail
timcheall air làrach na drochaide a-nis dèante. Tha 165,000
tunna de chreig air a shuidheachadh gu h-iomlan. Chaidh obair a thòiseachadh
air taobh sear a' chabhsair air cidhe a chleachdar san eadar-ama, an uair
a bhios a' bheàrn sa chabhsair dùinte, leis an aiseig-charbad
a bhios a' siubhal eadar an Lùdag agus na Hann.
Aig Ceann a' Ghàraidh, an ceann-aiseig ùr air Eirisgeigh, chùm
an obair a' dol air spreaghadh agus cladhadh far am bi àite-cruineachaidh
nan càraichean. Tha mu 20% den obair seo crìochnaichte. Chaidh
ullachadh a dhèanamh gus doirlinn-fasgaidh a thogail.
Tha an àireamh de dhaoine a tha ag obair an lùib an sgeama aig
an ìre seo a' seasamh aig 55. Tha sin a' cunntadh triùir bho
Chomhairle nan Eilean Siar. Tha 56% den luchd-obrach a' fuireach sna h-Eileanan
Siar.
14 Dàmhair 2000: tha an
àireamh a tha ag obair air pròiseact Cabhsair Eirisgeigh air
70 a ruighinn agus tha 63% dhiubh às na h-Eileanan Siar.
Tha a' bheàrn air a dhol sìos gu 310 meatair. Thathas air tòiseachadh
a' gluasad an uidheim mun cuairt agus thathas am beachd tòiseachadh
a' togail na drochaide air 23 Dàmhair. Tha an t-uachdar cruadhtain,
an ceangal-rathad agus uachdar an àite-cruinneachaidh a tha riatanach
airson a' chidhe a bhithear a' cleachdadh san eadar-ama a-nis air an crìochnachadh
agus chaidh turas-dearbhaidh a dhèanamh leis an aiseag-charbad. Bho
thaobh Eirisgeigh tha stèidh a' chabhsair a-nis a' sìneadh 780
meatair a-mach bhon chladach agus thathas a' cumail a' cur dìon agus
daingneachadh ris. Tha 175,000 tunna de chreagan mòra a-nis a' cur
taice ris.
Tha an gearradh creige a thathas a' dèanamh sa bheinn sìos fo
eaglais Eirisgeigh còrr is 400 meatair a-steach bhon chladach. Air
taobh Uibhist tha an seach-rathad timcheall air an drochaid crìochnaichte
agus tha e a' ruighinn 560 meatair bhon chladach.
Tha a' bheàrn eadar dà cheann a' chabhsair a-nis sìos
gu 110 meatair.
20 Samhain 2000: chaidh an t-ullachadh
deireannach a dhèanamh gus a' bheàrn eadar dà cheann
a' chabhsair a dhùnadh. Disathairne bha ceann Uibhist dheth 665 meatair
a-mach bho chladach agus bha ceann Eirisgeigh dheth 985 meatair a-mach bho
chladach.
Tha 220,000 tunna de chreig air a chur an sàs air taobh Eirisgeigh
agus tha an gearradh sa chreig a' ruighinn 580 meatair a-steach bhon chladach.
Air taobh Uibhist thathas fhathast a' cur dìon ri stèidh a'
chabhsair le creagan mòra agus tha 270,000 tunna de chreig air an suidheachadh
an taic a' chabhsair.
Aig an drochaid tha na cuilbh a bhios ga cumail suas air an cur nan àite
air an taobh tuath. Ann an Eirinn tha ro-chumadh air tòiseachadh air
na sparran cruadhtain ro-dhaingnichte a bhios san drochaid.
Thathas a' cleachdadh a' chidhe eadar-ama bho 14 Samhain agus ghluais an aiseag
gu cidhe an Lùdaig oir tha a' bheàrn eadar dà cheann
a' chabhsair a' dùnadh gu luath.
Tha 67 de luchd-obrach air an làraich. Tha triùir dhiubh sin
bho Chomhairle nan Eilean Siar. Tha 57% den luchd-obrach a' fuireach sna h-Eileanan
Siar.
25 Samhain 2000: an t-seachdain
seo, chaidh sguir de bhith tomhais a h-uile meatair de adhartas a bha a' tighinn
air a' chabhsair oir thàinig an dà cheann gu chèile Diluain
agus e 665 meatair bho chladach Uibhist agus 985 meatair bho chladach Eirisgeigh.
Chum an obair air daingneachadh a' chabhsair le creagan mòra a' dol
agus tha e a' tighinn chun àirde agus an leud dheireannaich a bhitheas
e.
Uile gu lèir chaidh 220,000 tunna de chreig a chladhadh à Eirisgeigh
agus 275,000 às a' chuarraidh ann an Uibhist a Deas.
Chaidh pàrtaidh gus dùnadh na beàirn a chomharradh a
chumail san Talla Choimhearsnachd ann an Eirisgeigh air Diciadain
22 Samhain. Bha dà cheud
duine an làthair, cuid à Eirisgeigh, cuid à Uibhist a
Deas agus cuid bhon làraich-obrach. Chòrd a' chùis ris
a h-uile duine.
27 Faoilleach 2001: bha adhartas
cunbhalach ga dhèanamh air Cabhsair Eirisgeigh agus air na h-obraichean
eile a tha na lùib rè na seachdaine gu 27 Faoilleach.
Tha daingneachadh stèidh a' chabhsair le creagan mòra a-nis
65% deiseil. Tha 51 ag obair air an làraich, dithis dhiubh bho Chomhairle
nan Eilean Siar. Tha 62% den luchd-obrach a' fuireach sna h-Eileanan Siar.
17 Gearran 2001: tha na leasachaidhean
a leanas am measg na h-obrach a bha a' dol air an t-seachdain an àirde
gu 17 Gearran. Chaidh tòiseachadh air barrabhalla a bhios ris a' chabhsair
a thogail. Thòisich seo aig ceann Eirisgeigh. Chaidh tòiseachadh
air sparran na drochaid a chur nan àite. Bhathas ag obair air a' ghearradh-creige
mu dheireadh airson an rathaid a bhios a' dol gu Eirisgeigh.
Tha 53 a-nis ag obair air an làraich, dithis dhiubh bho Chomhairle
nan Eilean Siar. Tha 66% dhiubh a' fuireach sna h-Eileanan Siar.

Chaidh na mìltean tunna de chreig a dhòrtadh ann an Caolas Eirisgeigh a h-uile seachdain bhon Ogmhìos. Seo a' chiad phàirt den Phròiseact Còmhdhail Co-fhillte airson Caolas Bharraigh a tha ag amas air ceangal a dhèanamh eadar Eirisgeigh agus Uibhist a Deas le cabhsair-mara sam bi 1.6 cilemeatair a dh'fhaid. Cosgaidh am pròiseact £8.6 millean. Bidh dà cheann-aiseig ann airson seirbheis aiseag-charbad, fear ann an Eirisgeigh agus fear ann am Barraigh.
Is iad sin na ceumannan deireannach ann an Siostam Còmhdhail Cnàimh-droma nan Eilean Siar. Thathas air a bhith a' strì ris an amas seo a choileanadh bho chionn faisg air dà fhichead bliadhna an uair a rinneadh a' chiad cheangal eadar-eileanach leis an drochaid eadar Beinn na Faoghla agus Uibhist a Deas.
Rè nam bliadhna ron sin bha còmhdhail an urra gu mòr ri ceanglaichean-mara. Cha robh ann ach cuibhreann bheag de ròidean agus de fhrith-ròidean. Bhiodh iomadh eilean air an gearradh dheth fad mhìosan le droch aimsir.
Bho chionn 150 bliadhna dh'fhàg an sluagh iomadh eilean iomallach leis cho duilich agus a bha e a bhith beò air leth bhon t-saoghal mhòr. Bho chaidh Chomhairle nan Eilean Siar a chruthachadh ann an 1975 bha e nan rùn an còrr de na h-eileanan a dhìon bhon chrìch sin. Anns na còig bliadhna ron sin bha an sluagh mu dheireadh air an Sgarp agus Tarasaigh fhàgail agus thachair an aon rud do chuid de eileanan beaga eile bhon uair sin.
Tha sluagh Eirisgeigh air a dhol sìos 70% sna 70 bliadha a dh'fhalbh. Bha suidheachadh an làin agus nan dùn-gainmhich a' cuingealachadh nan seirbheis-aiseag agus a' gearradh an eilein dheth fad uairean a thìde a h-uile là. Bha seo na thrioblaid mhòr do sgoilearan air ais agus air adhart às an sgoil agus do dhotairean agus do sheirbheisean eile. Mar eisimpleir, bha e do-dhèante do eileanaich a bhith a' dol gu coinneamhan phàrant anns a' phrìomh sgoil ann an Beinn na Faoghla oir chan fhaigheadh iad dhachaigh an aon oidhche.
Tha an cabhsair-mara ag amas air
na nithean sin a thoirt gu crìch agus a bhith mar mheadhan air ath-bheothachadh
eaconomach agus sòisealta sa cheàrnaidh seo de na h-Eileanan
Siar.

Is mòr mar a dh'atharraich cùisean.
Seo sùil air ais air trioblaidean Eirisgeigh mar a chuir neach-deasachaidh Gasaet Steòrnabhaigh an cèill iad air 20 Màrt 1997.
Feumar rudeigin a dhèanamh.
Sin an co-dhùnadh gus am feumar a thighinn mu na trioblaidean a tha
aig muinntir Eirisgeigh gus faighinn chun an eilein aca agus gus faighinn
dheth.
Feumar barrachd a chosg air seirbheisean
aiseig; ach feumar cuideachd luchd-cleachdaidh na seirbheis a dhìon
bho bhuaidh na h-aimsire agus na tìde-mhara aig laimrig an Lùdaig
ann an Uibhist a Deas.
Tha suidheachadh an sin nach bu
chòir a bhith mu choinneimh duine sam bith.
Tha seo fìor aig an dearbh
àm a tha Coimisean Cidhe agus Cala Steòrnabhaigh gu math moiteil
gu bheil bealach còmhdaichte a' dol bhon chidhe ùr aca chun
bhàta. Tha seo a' ciallachadh nach tèid boinneag uisge air duine
eadar am bàta agus tìr.
Agus fhathast tha daoine ann an
Eirisgeigh an urra ris an tìde-mhara agus ris a' ghaoith agus eagal
orra gur e an aon bhuaidh a bhios aig aire a tharraing gu cunnartan a' chidhe
gun tig lùghdachadh air na seirbheisean a tha a' tighinn thuige.
Chan fhaodar gabhail ri dàil
gus an tigear gu co-dhùnadh mu aiseag Bharraigh. Chan fhaodar fuireadh
ri tubaist mus togar doirlinn-fasgaidh.
Air ceist còmhdhail san fharsaingeachd chan eil e gu math sam bith
a bhith a' bruidhinn mu na trioblaidean do-sheachainnte a tha an lùib
a bhith beò air eilean agus gun na trioblaidean sin aig eileanan den
t-seòrsa seo ann an àiteachan eile.
Tha drochaid aig Beàrnaraigh Mòr; tha cabhsair aig Bhatarsaigh;
tha aiseag-charbad a tha a' ruith tòrr nas trice aig Scalpaigh agus
tha dùil aca ri drochaid; tha aiseag Bheàrnaraigh mar a tha
i an dràsta gus an togar an cabhsair fada nas fheàrr na tè
Eirisgeigh, ged a thathas a' gearan oirre; agus an Sgarp . . . . ach tha fios
nach eil feum aig an Sgarp air aiseag-charbad a-nis ann.
Chan eil duine sna h-Eileanan Siar
nach eil eòlach gu leòr air dàil le itealain, agus droch
aimsir, agus trioblaidean aiseig.
Ach ma bhios na pàipearan-naidheachd
fada gun thighinn, no sgeilpichean nam bùithtean greis gun bhainne
no gun mheasan, chan e an aon rud a tha sin ris an troimhe-chèile làitheil
a tha aig muinntir Eirisgeigh leis a' chòmhdhail ri bheil iad an ura.
Agus feumas gu bheil ceangal dìreach
eadar cho truagh agus a tha an t-seirbheis aiseig agus cho beag agus a tha
de ghnìomhachas san eilean.
Tha e soilleir cuideachd gur e
ceangal stèidhichte - cabhsair - an aon nì a nì feum.
Feumar co-dhùnadh poilitigeach
a dhèanamh gus airgead a chosg agus sin a shocrachadh air a' phrionnsabal
gu bheil e deatamach gun seachnar tuilleadh fàsachaidh de dh'eileanan
iomallach.
Tha an t-àm ann beachdachadh a-rithist air cabhsair mus tèid na milleanan de notaichean a ghealltainn do sheirbheis aiseig nach tugadh cus de phiseach air an t-suidheachadh.

Tha sreath de phròiseactan
a' dol air adhart ann an Eirisgeigh an lùib an sgeama Iomairt aig an
Oir.
Chaidh ceisteachan-coimhearsnachd a dhèanamh agus thug sin cothrom
don h-uile duine ann an Eirisgeigh agus do chuid a dh'eileanaich a tha a'
fuireach air tìr-mòr am beachdan fhèin innse mu chùisean
an eilein.
Chuir am measadh seo solas air
suidheachadh sòisealta an eilein.
Le 32% den t-sluagh còrr
is 60 bliadhna tha cus a bharrachd de sheann daoine san eilean na tha cumanta
sna h-Eileanan Siar. Tha 20% den t-sluagh fo aois 16, caran coltach ris a'
chòrr de na h-Eileanan. Mar sin chithear gu bheil an àireamh
sluaigh a tha aig aois obrach sònraichte ìosal.
De thaighean an eilein tha mu 20%
dhiubh air an cumail mar dhara dachaigh. Bha mu 25% de na fhreagair an ceisteachan
air gluasad à Eirisgeigh anns na còig bliadhna mu dheireadh.
Dh'fhalbh 71% dhiubh sin a shireadh obrach agus an còrr air sgàth
foghlaim.
Fhreagair mu 60% an ceisteachan-coimhearsnachd
a fhuair iad. De na fhreagair bha 65% air am breith ann an Eirisgeigh. Thuirt
a' chuid mhòr de na bha a' fuireach air falbh gun tilleadh iad nam
biodh obair ann dhaibh.
Is e iasgach an sgil as cumanta a tha aig daoine.
Tha gnothaichean co-cheangailte
ri turasachd a' tighinn an dèidh sin mar nì aig a bheil buaidh
air cùisean.
Bha 85% den bheachd gum bu chòir
turasachd a bhith air a mhisneachadh. Bha 76% den bheachd gum biodh e a' fàs
na bu chudthromaich san àm ri teachd.
Tha pròiseact air turasachd
chultarail ga dheasachadh airson Giblein-Dàmhair 2001 fon bhratach
Fàilte.
Bha 60% de na fhreagair den bheachd
gur e a' choimhearsnachd an nì a bu chudthromaich dhaibh fhèin.
Thuirt 23% gur ann aig an àrainneachd a bha an inbhe sin. Thuirt cuid
gun robh iad co-ionnann cudthromach.
Bha taic làidir ann do Ionad
Dualchais a' Phònaidh Eirisgich a tha Comann Pònaidh Eirisgeigh
a' cur air adhart.
Bha taic mhòr ann airson
leasachaidhean aig an Acarsaid Mhòr. Bha sin an dà chuid a thaobh
a' chidhe agus goireasan-ceangail agus cuideachd airson togalaichean gnìomhachais.
Tha plana ann gus a' bhùth
a bha uaireigin ann an Eirisgeigh, Island Stores, a dhèanamh na h-ionad
far am biodh cruinneachadh de nithean eachdraidheil air an toirt ri chèile
leis an uachdaran South Uist Estates.

Bho chionn ceud gu leth bliadhna
tha an sluagh air mòran de eileanan Innse Gall fhàgail. Bha
sin uaireannan a' ciallachadh gun robh cultur air a chall a bha air fàs
na nì gu math sònraichte leis mar a bhuineadh e do aon àite
iomallach fad linntean.
Is e na dhà mu dheireadh dhiubh sin an Sgarp agus Tarasaigh. Tha Tarasaigh
ainmeil a-nis mar an t-àite san robh an t-sreath phrògraman
Castaway 2000 aig a BhBC
stèidhichte.
Ach bho thuath gu deas, bho Leòdhas
gu Barraigh, tha an sluagh air a bhith a' tarraing air ais bho na h-iomallan.
Bha sin uaireannan ri linn gun robh galaran bho muigh a' gabhail brath orra.
Aig amannan cha b'urrainn dhaibh a' chùis a dhèanamh an dèidh
do chuid den t-sluagh falbh a dhùthchannan thall thairis, no an dèidh
do chuid a bhith air an call aig muir. Aig amannan eile cha b'urrainn iad
cur suas na b'fhaide leis cho iomallach agus a bha iad. Chaidh cuid de choimhearsnachdan
a sgrios le uachdarain a dh'fhuadaich an sluagh gus caoraich a chur nan àite.
Ma bheirear cead airson aiseag-charbad
air Caolas Bharraigh bidh am Pròiseact Còmhdhail Co-fhillte
airson Caolas Bharraigh a' ciallachadh gum bi a h-uile eilean sna h-Eileanan
Siar far a bheil sluagh a' fuireach air an ceangal le cabhsair no drochaid
no aiseag-charbad.
Aig cridhe poileasaidh còmhdhail nan Eilean Siar tha e mar amas nach tachair do eileanan mar Bhatarsaigh, Beàrnaraigh Mòr, Beàrnaraigh Uibhist, Scalpaigh agus Eirisgeigh mar a thachair do iomadh eilean eile às an do dh'fhalbh an sluagh.
A' tòiseachadh deas air
Barraigh, seo eileanan do na thachair sin:-
Beàrnaraigh
(chan fhaodar iomrall a dhèanamh le Beàrnaraigh Uibhist): seo
far a bheil an taigh-solais rin canar Ceann Bharraigh. Tha e 54 mìle
bho thìr-mòr na h-Alba agus 95 mìle bho Eirinn. Cha robh
ach trì teaghlaichean an seo ann an 1794. Ann an 1881 bha sin air a
dhol suas gu 57. Ann an 1961 cha robh a' fuireach san eilean ach luchd-gleidhidh
an taigh-sholais agus tha an solas a-nis fèin-ghluasadach.
Miughalaigh:
tha nithean a bhuineas do Linn an Umha air an eilean seo. Ann an 1764 bha
52 a' fuireach ann. Ann an 1881 bha 150 ann. Dh'fhalbh an dithis mu dheireadh
às ann an 1934.
Pabaigh
(aon de ghrunn eileanan den aon ainm): ann an 1794 bha 20 a' fuireach ann
agus bha sin air a dhol gu 26 ann an 1881. Chan eil duine a' fuireach ann
bho 1911.
Sanndraigh: bha naoi tacannan an seo ann an 1794 ach bha seo air a dhol sìos gu naoinear dhaoine ann an 1861. Chaidh sin suas gu 20 ann an 1930. Chan eil duine san eilean bho 1934.
Ann an Caolas Bharraigh eadar Eirisgeigh
agus Barraigh tha na h-eileanan a leanas:-
Healasaigh:
bha 108 de shluagh an seo ann an 1841, is dòcha ri linn gun robhas
a' fuadach dhaoine bho eileanan faisg air làimh. Chan eil duine a'
fuireach ann bho 1891.
Giogha:
tha sgeul gun robh daoine an seo ann an 1549 agus suas chun ochdamh-linn-deug.
Chan eil duine ann bhon uair sin.
Fuideigh: is e seachdnar an àireamh as motha air a bheil cunntas a bhith a' fuireach san eilean seo. Chan eil duine ann bho 1901.
Mu thimcheall Bheinn na Faoghla tha na h-eileanan seo:-
Rònaigh:
ann an 1826 bha còrr air 180 de shluagh san eilean ach chaidh am fuadach
leis an uachdaran. Bha eadar ceathrar agus naoinear ann bhon àm sin
ach cha robh duine air fhàgail ann nuair a rinneadh an cunntas-sluaigh
ann an 1931.
Eilean Bhia: bha sianar san eilean ann an 1861. Chan eil duine ann bho goirid an dèidh 1901.
Mu thimcheall Uibhist a Tuath tha na h-eileanan seo:-
Na h-Eileanan Mònach agus Heisgeir: tha na còig eileanan seo air buidheann cho mòr agus a tha ann de na h-eileanan às an do dh'fhalbh an sluagh. Tha iad mu chòig mìle a-mach bho Uibhist a Tuath. Bha co-dhiù ceud neach orra ann an 1595 agus tha eachdraidh ag innse gun robh sluagh orra cho fad air ais ri 500 bliadhna ron sin. Ann an 1810 chuir an sluagh cùl riutha an dèidh foghar neo-chumanta bochd a bha mar thoradh air a bhith a' cumail cus stuic air an fhearann. Thill an sluagh a-rithist agus ràinig an àireamh 135 ann an 1891. Dh'fhalbh na teaghlaichean mu dheireadh ann an 1943 an dèidh don taigh-sholais a bhith air a dhùnadh. Tha eachdraidh ag innse gun robh solais do shoithichean air na h-eileanan seo bho chionn linntean agus manaich gan cumail a' dol. Thill aon teaghlach ann an 1945 ach cha do dh'fhuirich iad ach trì bliadhna.
Boraraigh: bha sluagh a' fuireach san eilean seo bho chian agus chithear tursachan agus seann seapail ann. Bha 181 de shluagh ann ann an 1841 ach bha sin air a dhol sìos gu 63 ann an 1921. Cha robh ann ach seachdnar ann an 1951 agus mun àm a rinneadh cunntas-sluaigh 1981 cha robh duine san eilean.
Bhàlaigh: is e 59 an àireamh sluaigh as àirde air a bheil cunntas san eilean seo. Bha sin ann an 1841. Mun àm a rinneadh cunntas-sluaigh 1981 cha robh duine ann.
Pabaigh: bha ainm aig an eilean seo uaireigin mar shìol-lann na Hearadh. Bha mu cheud neach air an eilean ann an 1800. Bha seo air a dhol gu 338 ann an 1841. Dh'fhuadaich an uair sin an t-uachdaran an sluagh. Chaidh na daoine an sgapadh gu eileanan eile agus chaidh cuid a-null thairis. Ann an 1858 cha robh duine a' fuireach ann ach cìobair agus a theaghlach.
Mu thimcheall na Hearadh tha na h-eileanan seo:-
Easaigh: tha an t-eilean seo ann an Caolas na Hearadh. Ann an 1861 bha còig-duine-deug a' fuireach air. Bho 1951 chan eil duine a' fuireach san eilean ach bidh dithis chìobairean a' dol ann nuair a bhios feum orra.
Cilleagraigh: tha an t-eilean seo cuideachd ann an Caolas na Hearadh. Bho 1861 gu 1931 bha aon teaghlach san robh eadar triùir agus còignear aig diofar amannan a' fuireach san eilean. Cha robh duine a' fuireach ann bhon uair sin. Aig an àm a rinneadh cunntas-sluaigh 1971 bha dithis a' cur seachad ùine ghoirid ann.
Scotasaigh: tha an t-eilean seo ann an Loch Sear an Tairbeirt. Bha fichead san eilean ann an 1911. Chan eil duine air a bhith a' fuireach ann mar dhachaigh bho uaireigin ron chunntas-sluaigh a rinneadh ann an 1931.
An Sgarp:
bha àireamh an t-sluaigh an seo aig àirde ann an 1881 le 213
a' fuireach ann. Bha seo air tuiteam gu 74 ann an 1951 agus cha robh duine
ann ann an 1971.
Ghlac e aire an t-saoghail mhòir dà uair ann an 1934. Air 14
Faoilleach rugadh leanabh do Chairistiona NicIllinnein air an eilean. An ath
là bha a suidheachadh na adhbhar imcheist agus cha robh fòn
san eilean. Bha seachd-mìle-deug de rathad lùibeach bho cheann
an aiseig chun dotair a b'fhaisge. Mu dheireadh chaidh i air an aiseag agus
an dèidh sin thugadh i air làr bus agus càr gu Steòrnabhagh
a bha grunn uairean a thìde air falbh. Rugadh an dara leanabh den chàraid
aice san ospadal dà là an dèidh a' chiad leanaibh.
San Iuchar 1934 chaidh oidhirp a dhèanamh san eilean air gnothaichean
puist a chur air falbh le rocaid. Cha do shoirbhich leis an seo idir ach chaidh
an Gearmailteach a dhealbh an innleachd air adhart gu bhith a' cuideachadh
le prògram rocaidean-V nan Nàsach san Dara Cogadh.
Tarasaigh: tha cunntas air sluagh a bhith a' fuireach ann an Tarasaigh cho fad air ais ri 1549. Is e an àireamh as àirde mum bheil fiosrachadh 76 ann an 1911. Ann an 1971 cha robh ach aon teaghlach de thriùir air an eilean. An dèidh 1974 thòisich na daoine a bha air am fàgail ann a' cur a' gheamhraidh seachad ann an Seileabost air tìr-mòr na Hearadh. Chaochail an duine mu dheireadh den teaghlach mu dheireadh ann an 1994.

Hiort:
chuir an sluagh an cùl ri Hiort san Lùnastal 1930. Chosg seo
£1000 do Riaghaltas Bhreatainn. Thug seo gu ceann eachdraidh linntean
de dhaoine a bhith a' fuireach san eilean. Bha na linntean sin air iomadh
àmhghar fhaicinn le nithean mar ghalaran air an toirt a-steach le luchd-tadhail,
long-bhrisidhean agus galar marbhtach nan ochd là a bha fad mòran
den naoidheamh-linn-deug a' toirt bàis do dhithis naoidhean a-mach
às a h-uile triùir. Ràinig an àireamh-sluaigh
200 ann an 1810. Bha e a' dol sìos bhon sin àm agus ann an 1921
is e 73 a bha san eilean.
Na h-Eileanan Mòra:
bha 16 a' fuireach an seo nuair a bha an àireamh-sluaigh aig àirde.
Bha sianar ann aig cunntas-sluaigh 1821; ann an 1891 bha ochdnar ann; ann
an 1901 bha ochdnar ann cuideachd. Ach dh'fhalbh an teaghlach mu dheireadh
do na Hearadh ann an 1901. Nam measg sin bha nighean bliadhna air fhichead
nach robh a-riamh gu sin air falbh bho na h-Eileanan Mòra.
Bhon àm sin thathas air a bhith a' feurach bheathaichean air na h-eileanan
seo.
Mu thimcheall Leòdhais tha na h-eileanan seo:
Na h-Eileanan Flanach: chan eil cuimhne ann an eachdraidh air daoine bhith a' fuireach làn-ùine air na h-eileanan seo ged a chaidh seapal a bha coisrigte do Naomh Flanan air a thogail an seo bho chionn còrr is mìle bliadhna. San Dùbhlachd 1900 bha tachartas an seo do nach d'fhuaireadh a-riamh freagairt cinnteach. Chailleadh an triùir a bha a' gleidheadh an taigh-sholais gun sgeul sam bith orra. Thachair sin cho obann agus gun do dh'fhàg iad biadh de dh'fheòil agus buntàta air a' bhòrd gun bhlasad air. Tha na notaichean a bha iad air a sgrìobhadh ag innse gun robh stoirm cho uabhasach air a bhith ann agus gun do sguabadh an talamh bho mhullach creige a b' àbhaist a bhith 200 troigh os cionn uachdar na mara. Thathas den bheachd gun deach an glacadh gun fhiosda le sùmainn neo-chumanta mòr a lean an stoirm anns a' chaolas far a bheil acarsaid siar an eilein.
Rònaigh
a Tuath: is e seo an t-eilean
as fhaide tuath ann an Innse Gall san robh daoine a' fuireach gu cunbhalach
agus bha daoine a' fuireach air Rònaigh a Tuath fad iomadh linn. Tha
e 44 mìle tuath air Rubha Robhanais agus nas fhaide bho thìr
na Hiort. Ann an 1549 bha coimhearsnachd bheothail ann. Anns a' chumantas
bhiodh mu 30 a' fuireach ann agus nam biodh an àireamh a' dol cus os
cionn sin bhiodh iad dualtach a bhith a' gluasad a Leòdhas. Ann an
1680 chaidh biadh an eilein gu lèir a sgrios eadar plàigh de
radain agus spùilleadh a rinn soitheach san dol seachad. Bhàsaich
an sluagh gu h-iomlan. Dh'fheuch feadhainn ri fuireach air an eilean bhon
uair sin ach thàinig sin gu crìch le bàthadh mu 1695.
Bhon uair sin cha robh a' fuireach ann ach cìobair agus a theaghlach
agus chuir daoine cùl ris an eilean ann an 1844.
Tro Shiostam Còmhdhail Cnàimh-droma nan Eilean Siar tha mu £14 millean air a chosg air sgeamachan prìomh-ròidean rè nan còig-bliadhna-deug a dh'fhalbh ged nach robh adhartas ga dhèanamh cho luath sna bliadhnachan mu dheireadh leis mar a bha airgead ga chur ri pròiseactan mòra drochaid agus cabhsair.
Tha na pròiseactan prìomh-ròidean air mu 30 cilemeatair eile a chruthachadh de rathad dùbailte aig inbhe àird agus bha tòrr den obair sin tro fhearrann a bha fìor dhuilich. Bha mòran de sgeamachan na bu lugha ann cuideachd gus uachdar ùr a chur air ròidean, gus còrnairean a ghearradh a-mach, gus piseach a thoirt air ìre sàbhailteachd, agus mar sin air adhart.
Bha na prìomh sgeamachan air an cur air adhart air feadh nan eilean air fad gus a bhith gu math an t-sluaigh ann an diofar cheàrnaidhean.
Ann an 1984 chaidh còrr air trì cilemeatair de rathad a chosg £752,000 a thogail aig Bòrnais ann an Uibhist a Deas. Chaidh 3.5 cilemeatair eile a chrìochnachadh nas fhaide deas aig Aisgearnais ann an 1988-90. Aig an aon àm bha obair luach £798,000 a' dol air adhart ann an 1989 gus dà chilemeatair de rathad a chruthachadh ann an ceann a tuath na Hearadh air slighe a' bhealaich faisg air a' Chliseam. Bho 1991 gu 1994 bha obair mhòr ga dhèanamh a' togail ròidean mar phàirt den Chòmhdhail Cnàimh-droma anns na Hearadh agus ann an Uibhist a Tuath agus cuideachd ann an Leòdhas, aig Borgh agus Barabhas.
Anns a' phròiseact
a thàinig gu crìch bho chionn ghoirid chaidh £750,000
a chosg air 1.3 cilemeatair de rathad ùr a' dol gu deas bhon chabhsair
aig an Fhadhail a Deas gu Uibhist a Deas

An uair a sheas Tònaidh Blair, Prìomh Mhinistear Bhreatainn, agus a bhean Cherie agus Mgr Dòmhnall Dewar, a bha aig an àm sin na Mhinistear na Stàite airson Alba, air drochaid Scalpaigh ann an 1998 b'e sin a' chiad turas oifigeil a rinn duine san dreuchd sin do na h-Eileanan Siar a-riamh. Bha e cuideachd a' gabhail pàirt ann an eachdraidh fhada de leasachadh sna h-Eileanan.
An uair a thèid Cabhsair Eirisgeigh a chrìochnachadh agus fhosgladh bidh e na chomharradh air ceum eile san obair mhòr a chaidh a ghabhail os làimh bho chionn 40 bliadhna. Fhad's a bha an còrr de Bhreatainn a' togail ròidean ioma-shruitheach agus seach-ròidean mar leasachadh air na ròidean a bha aca cheana tha na h-Eileanan Siar air an aghaidh a chur air ròidean a thogail far nach robh gin a-riamh roimhe gus an gabh iad àite an t-siubhail mara a bha cumanta sna linntean a dh'fhalbh.
B'e a' chiad cheum a chaidh a chrìochnachadh an drochaid air an Fhadhail a Deas a rinn ceangal eadar Beinn na Faoghla agus Uibhist a Deas. Tha 82 de dh'earrannan san drochaid sin agus chaidh a crìochnachadh ann an 1942.
Thàinig an uair sin an drochaid eadar Leòdhas agus Beàrnaraigh Mòr. Bha dòigh-togail ùr air a chleachdadh innte. B'i a' chiad dhrochaid-rathaid ann am Breatainn a chaidh a togail le teannadairean de chruadhtan ro-dhaingnichte.
Thàinig an dèidh sin cabhsair air an Fhadhail a Tuath eadar Beinn na Faoghla agus Uibhist a Tuath. Tha còig mìle a dh'fhaid sa chabhsair sin agus chaidh fhosgladh ann an 1960. Sin an cabhsair as fhaide sna h-Eileanan Siar.
Ann an 1983 thogadh cabhsair ùr dùbailte air an Fhadhail a Deas. Bha sin an àite na drochaid a bha a' crìonadh le buaidh mhillteach na mara agus na gaoithe air a' chruadhtan.
Ann an 1990 chaidh cabhsair fhosgladh a bha a' ceangal Bhatarsaigh ri Barraigh. Dh'fhaodadh seo tionndadh a thoirt air mar a bha àireamh an t-sluaigh ann am Bhatarsaigh a' dol sìos.
Bho 1975 thugadh piseach air mòran de na seirbheisean-aiseig gu eileanan mara. Fhuair Eirisgeigh, Scalpaigh agus Beàrnaraigh Uibhist aiseagan-charbad. Ann an 1996 thòisich aiseag-charbad a' ruith air Caolas na Hearadh. Rinn seo ceangal dìreach eadar na Hearadh agus Uibhist a Tuath.
Faisg air deireadh 1997 thòisicheadh a' cleachdadh Drochaid Scalpaigh, faisg air naoi mìosan mus deach a fosgladh gu h-oifigeil anns an t-Sultain 1999.
Anns an Dùbhlachd 1998 chaidh a' chiad chàr tarsainn air a' chabhsair ùr gu Beàrnaraigh Uibhist. Chaidh an cabhsair fhosgladh gu foirmeil sa Ghiblein 1999.
Thòisich obair togail air Cabhsair Eirisgeigh anns a' Chèitean 2000.
Rè nan 60 bliadhna a bhathas
a' togail cheanglaichean stèidhichte gu eileanan chunnacas àireamh
an t-sluaigh a' sìor lùghdachadh air eileanan gu nach robh ceanglaichean
mar sin ged a bha cuid dhiubh sin air an robh ceudan dhaoine a' fuireach ann
an linntean a dh'fhalbh. Tha na h-Eileanan Mònach, an Sgarp agus Tarasaigh
nan eisimpleirean air eileanan ris an do chuir an sluagh an cùl.