Tuilleadh rannan

Bradan beag is bradan mòr


Bha bradan beag is bradan mòr
a' snàmh anns an t-sruth.
Thuirt bradan mòr ri bradan beag,
"Ciamar a tha thu an-diugh?"

Thuirt bradan beag ri bradan mòr,
"Tha mi glè mhath,
's tha dùil agam a dhol gu muir
nuair thèid an làn a-mach".

Thuirt bradan mòr ri bradan beag,
"A bheil thu às do chiall?
tha iasgairean a-muigh an sin
a ghlacas thu le lìon".

Nach smaoinich sibh, a chàirdean còir,
air deireadh latha a' bhradain -
e an-diugh a' snàmh cho sona, saor
's a-màireach ga ith le sailead.

(Air fonn ‘Row, row, row your boat’)
(Bhon leabhar ‘Caoran ann an cliabh’ le Mairead Hulse)