|

Mhic Iarla nam Bratach Bàna
Mhic Iarla nam Bratach Bàna
Mhic Iarla nam Bratach Bàna
chunnaic mi do long air sàile.
Sèist: Ìllean beag hò ill ò ro
ìllean beag hò ill ò ro
ìllean beag hò ill ò ro
hù hoireann ò hu ò èileadh.
Chunnaic mi do long air sàile
chunnaic mi do long air sàile
chunnaic mi do long air sàile
bha stiùir oirre 's dà chrann airgid.
Bha stiùir oirre 's dà chrann airgid
bha stiùir oirre 's dà chrann airgid
bha stiùir oirre 's dà chrann airgid
's cupaill de shìoda na Gaillmhinn.
'S cupaill de shìoda na Gaillmhinn
's cupaill de shìoda na Gaillmhinn
's cupaill de shìoda na Gaillmhinn
sìoda reamhar ruadh na Spàinne.
Sìoda reamhar ruadh na Spàinne
sìoda reamhar ruadh na Spàinne
sìoda reamhar ruadh na Spàinne
cha b' ann an Glaschu a bha e.
Cha b' ann an Glaschu a bha e
cha b' ann an Glaschu a bha e
cha b' ann an Glaschu a bha e
non Dùn Bheagain, 's beag on làr e.
Non Dùn Bheagain, 's beag on làr e
non Dùn Bheagain, 's beag on làr e
non Dùn Bheagain, 's beag on làr e
non Dùn Thuilm nam bratach bàna.
|