Tuilleadh rannan

Bodach na Nollaig

Tha bodach na Nollaig
a' gabhail a chuairt
's mise bhiodh toilichte
nan tigeadh e an taobh-sa.

Poca air a ghualainn
's e làn dhe gach seòrsa
innealan cluich
agus innealan spòrs.

Doile do Mhàiri
is tractar dhomh fhìn
ribean do Mhàiri
is sgàthan is cìr.

Tha bodach na Nollaig
a' gabhail a chuairt
's mise bhiodh toilichte
nan tigeadh e an taobh-sa.

(Bhon leabhar 'Caoran ann an Cliabh' le Mairead Hulse)