Tuilleadh rannan

Nuair a steig Santa Claus anns an t-similear


Nuair a steig Santa Claus anns an t-similear
theab e dhol às a rian,
"Chuir mi orm cuideam on uiridh
is chan fhaigh mi suas no sìos.
Tha m' fheusag cho dubh, mo phoca làn sùith
o seall air mo staid is mo chruth!"
Nuair a steig Santa Claus anns an t-similear
atiugh!! atiugh!!! atiugh!!!!

(Bhon leabhar 'Trealaich is Tuilleadh Trealaich' le Mairead Hulse. Fonn: 'When Santa got stuck in the chimney')