Tuilleadh rannan

Oidhche Nollaig

Air oidhche Nollaig seinnidh sinn
an naidheachd thug na h-ainglean dhuinn
's e oidhche fhuar sa gheamhradh bh' ann
air mòinteach Bhetelem.

Air oidhche Nollaig dannsaidh sinn
gu ceòl a thug na h-ainglean dhuinn
le solas ùr a shoillsich òirnn
bho stàball Bhetelem.

Bha buachaillean le caoraich ann
's chuir solas iad gu smaoineachadh
sheas aingeal Dhè rin taobh an sin
air mòinteach Bhetelem.

Chan eagal dhuibh ach èistibh rium
thuirt aingeal Dhè 's e ag èigheach riutha
gheibh sibh am brat-spèilidh E
an stàball Bhetelem.