|

Ràith a' gheamhraidh
fliuch agus fuar,
coirc anns an iodhlainn
mòine anns a' chruaich.
Ràith a' gheamhraidh
gailleanach, gaothach,
lèintean a' slacadaich
air an t-sreang-aodaich.
Ràith a' gheamhraidh
reòthte, sleamhainn,
sgàilean deigh
air lòn agus abhainn.
Ràith a' gheamhraidh
clachan-meallain,
gnogadh air uinneagan
dannsa air an talamh.
Ràith a' gheamhraidh
dorch anns a' mhadainn,
dorch tràth feasgar
dorch anns an leabaidh.
Ràith a' gheamhraidh
Santa Claus,
cairtean Nollaig
cluiche le toidhs.
Ràith a' gheamhraidh
sneachda geal,
sneachda domhainn
deàlrach, glan.
Ràith a' gheamhraidh
thèid i seachad,
thig an uair sin
ràith an Earraich.
(Bhon leabhar 'Seinn Seo')
|