Tuilleadh rannan

Allo, allo, allo

"Allo, allo, allo,"
thuirt am polasman bàn.
"Allo, allo, allo,"
thuirt e rithist gu h-àrd.
"Allo, allo, allo,
dè rinn thu ceàrr?"
'S thuirt mise ris a' pholasman,
"Cha do rinn càil."

"Cha do rinn càil!"
thuirt am polasman bàn.
"Cha do rinn càil!"
thuirt e rithist gu h-àrd.
"A bhalaich bheag mhodhail,
mur do rinn thu càil,
na biodh eagal ort romham-sa,"
thuirt am polasman bàn.