Tuilleadh rannan

Am poileasman

Am poileasman, am poileasman,
duine mòr, àrd,
ag obair ann an oifis
's a' coiseachd air an t-sràid.

Am poileasman, am poileasman,
duine mòr, trang,
gar cuideachadh 's gar cronachadh,
gar toirt a-mach à staing!

Am poileasman, am poileasman,
duine mòr, treun,
a' glacadh bhlaigeardan,
thoir an aire ort fhèin!