Tuilleadh rannan

Anns a' chidsin


Bidh sinn ag obair anns a' chidsin
gu trang a h-uile là,
a' cuideachadh ar Mamaidh
's gu tric dol anns an rathad.

Sèist: Teth, teth, teth - thoir an aire dhan a' chucar!
teth, teth, teth - thoir an aire dhan an stòbh!
teth, teth, teth - thoir an aire dhan a' chucar!
ma loisgeas tu do chrògan, cha chluinn sinn ach "Obh! Obh!"

Nì sinn cèicichean is briosgaidean,
sgonaichean le ìm,
aran-coirce is càise,
rudan math airson ar tì.

Glanaidh sinn na soithichean
's na panaichean gu lèir,
is canaidh Mamaidh an uair sin,
"Nach math a rinn sibh fhèin!"

Bidh sinn ag obair anns a' chidsin
gu trang a h-uile là,
a' cuideachadh ar Mamaidh
's gu tric dol anns an rathad.

(Bhon leabhar 'Dòtaman')