Tuilleadh rannan

An uair a dh'fhàsas mise mòr


An uair a dh'fhàsas mise mòr,
saoil dè a nì mi?
Am bi mi na mo dhotair
no an tèid mi chun an iasgaich?

Am bi mi falbh le làraidh mhòr
a chruinneachadh nan clòitean,
no na mo shaor le sàbh is òrd
cur thaighean ann an òrdugh?

Am bi mi na mo bhreabadair
ag obair air a' bheart?
Feumaidh mi bhith faiceallach
gun tagh mi an obair cheart.

Bhiodh e glè mhath bhith nam phost
air là brèagha samhraidh,
ach cha bu chaomh leam bhith na àite
air là fliuch sa gheamhradh!

Tha mi ro òg son taghadh dreuchd
ged 's ann a' fàs a tha mi,
fuiridh mise greiseag fhathast
còmhla ri mo mhàthair.

(Bhon leabhar 'Caoran ann an Cliabh' le Mairead Hulse)