Tuilleadh rannan

Bu chaomh leam bhith nam shaighdear

Bu chaomh leam bhith nam shaighdear
's mi coiseachd air paràde
's na drumaichean a' bualadh
's na pìoban mòr air ghleus.

'S mo bhrògan dubh cho faileasach
ri sgàthan air an t-sràid
's mo chrios ùr uaine deàlradh,
's ite uaine shuas gu h-àrd.

(Bhon leabhar 'Aimsir Phrìseil')