Tuilleadh rannan

Dòmhnall beag an saighdear


Dòmhnall beag am bèicear, am bèicear, am bèicear
Dòmhnall beag am bèicear a' dèanamh an arain
seall e ga dhèanamh, seall e ga dhèanamh
seall e ga dhèanamh a' dèanamh an arain.

Dòmhnall beag am bùidsear, am bùidsear, am bùidsear
Dòmhnall beag am bùidsear a' lìonadh na maraig
seall e ga lìonadh, seall e ga lìonadh
seall e ga lìonadh a' lìonadh na maraig.

Dòmhnall beag an tidsear, an tidsear, an tidsear
Dòmhnall beag an tidsear a' teagasg na cloinne
seall e gan teagasg, seall e gan teagasg
seall e gan teagasg a' teagasg na cloinne.

Dòmhnall beag an t-iasgair, an t-iasgair, an t-iasgair
Dòmhnall beag an t-iasgair ag iasgach sa bhàta
seall e ag iasgach, seall e ag iasgach
seall e ag iasgach ag iasgach sa bhàta.

Dòmhnall beag an draibhear, an draibhear, an draibhear
Dòmhnall beag an draibhear a draibheadh na làraidh
seall e a' draibheadh, seall e a' draibheadh
seall e a' draibheadh a' draibheadh na làraidh.

Dòmhnall beag am bancair, am bancair, am bancair
Dòmhnall beag am bancair a' cunntadh an airgid
seall e a' cunntadh, seall e a' cunntadh
seall e a' cunntadh a' cunntadh an airgid.


(Bhon leabhran 'Rannan' le Ceiteag Mhoireasdan)