Sèist: Einnsean, tractar agus
bhan,
einnsean, tractar, tha iad trang;
sìos an rathad,
suas an rathad,
fad an là trang -
einnsean, tractar agus bhan.
"Nì nò!
Nì nò!" ars an einnsean-smàlaidh,
"Nì nì nò!" ars an einnsean
dhearg.
"Cabhag an seo an-diugh,
cabhag an seo an-diugh,
cabhag an seo,"
ars an einnsean dhearg.
"Och, och, och!"
ars an tractar aig Seonaidh,
"Och, och, och!" ars an tractar dearg.
"Tha mi sgìth ag obair dhut,
tha mi sgìth ag obair,"
ars an tractar dearg.
"Bhrum! Bhrum! Bhrum!"
arsa bhan a' Phuist-Oifis,
"Bhrum!, Bhrum! Bhrum!" ars a' bhan bheag dhearg.
"Litir agam dhut an seo,
litir agam dhut an seo,
litir agam dhut,"
ars a' bhan bheag dhearg.