Tuilleadh rannan

Fear na loiliopop

Sèist: Thig a-nall, thig a-nall còmhla riumsa don taobh thall,
thig a-nall gu taobh eile na sràid;
thig a-nall, thig a-nall còmhla riumsa don taobh thall,
thig a-nall gu taobh eile an rathaid.

'S mise fear na loiliopoip lem chòta geal is m' ad,
is nuair a chì iad mise feumaidh h-uile duine stad.

Seasaidh mi ri taobh an rathaid, togaidh mi mo làmh,
togaidh mi an loiliopop suas mar seo gu h-àrd.

Stadaidh mi na càraichean 's na làraidhean 's a' bhan,
stadaidh mi na tractaran 's a h-uile dad a th' ann.

'S mise fear na loiliopoip lem chòta geal is m' ad,
is nuair a chì iad mise feumaidh h-uile duine stad.

(Bhon leabhar 'Dòtaman air Ghleus')