Tuilleadh rannan

Gnog, gnog aig an doras


Sèist: Gnog, gnog aig an doras - saoil cò tha siud?
gnog, gnog aig an doras - saoil cò tha siud?
gnog, gnog aig an doras - saoil cò tha siud?
fosgail an doras ach am faic sinn cò th' ann.

Tha am post aig an doras le litir bheag dhòmhsa,
tha am post aig an doras le litir bheag dhòmhsa,
tha am post aig an doras le litir bheag dhòmhsa,
is parsail do Chalum - eil fhios dè th'ann?

Fear a' bhainne aig an doras le bainne geal,
fear a' bhainne aig an doras le bainne geal,
fear a' bhainne aig an doras le bainne geal,
's fàgaidh e botal bhios againn ri òl.

Fear an èisg aig an doras leis an sgadan ùr,
fear an èisg aig an doras leis an sgadan ùr,
fear an èisg aig an doras leis an sgadan ùr,
's bidh sgadan againn a-nochd gu ar tì.

Tha an nurs aig an doras le baga beag dubh,
tha an nurs aig an doras le baga beag dubh,
tha an nurs aig an doras le baga beag dubh,
fhalbh 's leig a-steach i - chan eil mi gu math.
Gnog, gnog - saoil cò tha siud?

(Bhon leabhar 'Dòtaman')