Tuilleadh rannan

Grìog-shùil


Grìog-shùil le na sùilean buidhe,
tha e beag is tha e lurach,
thèid e mach a dh'iarraidh uighean
thaigh nan cearc a-màireach.

Cuiridh e a-mach a' bhò dhuinn,
bheir e feur dha na h-othaisgean,
lìonaidh e am peile mònach
's cuiridh e am buntàta dhuinn.

Grìog-shùil le na casan fada,
ithidh e buntàta 's sgadan,
sguabaidh e an làr dha mamaidh
's nì e copan tè dhuinn.

Grìog-shùil leis a' bhriogais shrianaich,
nì e an obair dhuinn am-bliadhna,
mach a-nis sinn gu ar diathad
Grìog-shùil agus Dòmhnall.

(Bhon leabhar 'Seinn Seo')