|

Tha an similear na theine,
ruith chun na fòn, greas ort,
is iarr air na fir-smàlaidh,
a thighinn anns an spot.
Sèist: Cuir fios
chun na fir-smàlaidh,
naoi, naoi, naoi,
thig iad nuair bhios feum orra,
ge b' e là no oidhche.
Seall tha taigh na theine,
ruith chun na fòn gu grad,
is iarr air na fir-smàlaidh,
a thighinn anns a' bhad.
Ged tha teine feumail
airson biadh is blàths,
faodaidh e bhith cunnartach,
mur toir sinn cùram dha.
An lasair bheag as lugha,
is mòr a nì i cron,
loisgidh i na craobhan,
is marbhaidh i na h-eòin.
Feuch gum bi sibh faiceallach,
feuch gum bi sibh glic,
na bi cluich le lasairean,
a bheil sibh ga mo thuigse!
(Bhon leabhar 'Trealaich
is Tuilleadh Trealaich' le Mairead Hulse)
|