Sèist: Tha tuathanach trang a dh'oidhche 's a là
a' treabhadh 's a' cur 's a' bleoghan na bà.
Tha tuathanach trang a dh'oidhche 's a là.
Fad samhraidh is geamhraidh
le fuachd agus blàths,
anmoch na laighe 's ag èirigh cho tràth,
tro earrach is foghar a' cur 's a' buain,
a-muigh anns an achadh ag obair cho cruaidh.
Aig moch agus anmoch a-muigh
is a-staigh
a' rùsgadh nan caorach 's a' bleoghan a' chruidh,
gach madainn is feasgar, gach ràith agus sìde,
Tha e cumail a' dol gach uair dhen tìde.