Tuilleadh rannan

Obair an rathaid


B' fheàrr leam gun robh mi air an rathad mhòr,
ghabhainn cuairt san làraidh a h-uile là
agus dh'fhalbhainn leis an teàrr,
cha rachainn-sa idir an taobh ceàrr.

Chòrdadh an rolair rium cheart cho math,
stiùirinn air ais 's air adhart, 's bhiodh e dol gun stad
agus nuair a bhiodh iad aig an tì,
chanainn-sa nach robh mi ag iarraidh dad.

Thig an teàrr is ceò às, deàrrsach, dubh,
còpar às an làraidh e mar uisge às an t-sruth,
sgaoilear a-mach e bho thaobh gu taobh
ach is mise th' air an rolair mòr an-diugh.

O 's ann a b' fheàrr leinn uile am Barber Green,
tha e doirbh a stiùireadh, 's chan fhalbh mi air leam fhìn
gu socair bidh e snàgail loma làn teàrr,
coltach ri seilcheag a ghabh an rathad ceàrr.

(Bhon leabhar 'Seinn Seo')