Tuilleadh rannan

Seòladh


Ann an làithean m' òige b' e mo mhiann,
a bhith seòladh air a' chuan,
o phort gu port air feadh an t-saoghail,
's gach ceàrnaidh deas is tuath.
Biodh an aimsir teth no biodh i fuar,
le gailleann, stoirm no fèath,
chan iarrainn nì tha fon a' ghrèin,
ach a bhith an ceann mo ghnìomh.

A' seòladh air a' chuan, a sheòid,
le gaoth no teas no fuachd,
chan iarrainn nì tha fon a' ghrèin,
ach seòladh air a' chuan.

A' cur a sròin ri stuaghan mòr,
le cop air bàrr gach tè,
ri là is oidhche gun tàmh no fois,
a' dol a-null gu tìrean cèin;
's a' tilleadh dhachaigh le tuill làn,
de bhathar dhe gach seòrsa;
Is mi aig a' cuibhle dèanamh cùrs,
Air ais a dh'Eilean Leòdhais.

(Bhon leabhar 'Trealaich is Tuilleadh Trealaich' le Mairead Hulse)