|

Tha Dòmhnall na phoileasman
na phoileasman, na phoileasman,
tha Dòmhnall na phoileasman
's e poileasman a th' ann.
Hò, hò, hò,
hò
bidh mise nam phoileasman,
hò, hò, hò, hò
bidh mi air an t-sràid.
Tha Seumas na shaighdear
na shaighdear, na shaighdear,
tha Seumas na shaighdear
's e saighdear a th' ann.
Hò, hò, hò,
hò
bidh mise nam shaighdear,
hò, hò, hò, hò
bidh mi anns an Arm.
Tha Ruaraidh na speuradair
na speuradair, na speuradair,
tha Ruaraidh na speuradair
's e speuradair a th' ann.
Hò, hò, hò,
hò
bidh mise nam speuradair,
hò, hò, hò, hò
bidh mi shuas sna speuran.
Tha Màiri na banaltram
na banaltram, na banaltram,
tha Màiri na banaltram
's e banaltram a th' innte.
Hò, hò, hò,
hò
bidh mise nam bhanaltram,
hò, hò, hò, hò
leighisidh mi sibh.
Tha Seònaid na tidsear
na tidsear, na tidsear,
tha Seònaid na tidsear
's e tidsear a th' innte.
Hò, hò,
hò, hò
bidh mise nam thidsear,
hò, hò, hò, hò
teagaisgidh mi sibh.
|