|

Tha Iain na shaighdear
am baile mòr Lunnainn,
na fhear-dìon aig a' Bhànrigh
le ghunna air a ghualainn.
A' gabhail ceum stòlda
's a' tionndadh gu grad,
cur aghaidh ri luchd-tadhail
ag iarraidh orra stad.
Tha Uilleam na phoidhleat
air itealan luath,
a' falbh tro na speuran
gu deas is gu tuath.
'S e nach bi fada
cur cuairt air an t-saoghal,
's thig e steach dhan phort-adhair
cho aotrom ri faoileag.
Tha Coinneach na chaiptean
air bàta na smùide,
chan eil mòran de shamhail
a' seòladh nan cuantan.
Bheir e clòimh às Àstrailia
's ola às an Èipheit,
's bidh leannan aig Coinneach
anns gach àite dhan tèid e.
(Bhon leabhar 'Trobhadaibh
a-steach' le Mairead Hulse)
|