|

Tha mi falbh a dhèanamh m' fhortain,
tha mi falbh an-diugh aig naoi,
tha mi falbh a dhèanamh m' fhortain
le mo mhàileid air mo dhruim.
Bidh mi seòladh thar
nan cuantan
sireadh maoin air muir is tìr,
òr is airgead, seudan àillidh,
's gus am faigh mi iad cha till.
Soraidh leibh an dùthaich
m' athar,
soraidh leibh an dùthaich m' òige,
tha mi falbh a dhèanamh m' fhortain,
tillidh mi nam dhuine mòr.
(Air fonn 'Happy we been
a' thigether')
(Bho na leabhraichean
'Caoran ann an Cliabh' agus 'Trealaich is Tuilleadh Trealaich'
le Mairead Hulse)
|