|

Aon, dha, trì, tha dìneosor
a' tighinn
beathach mòr le amhaich fhada, aon, dhà, trì.
Ceithir, còig, sia,
lannan 's craiceann liath
sùilean beaga 's beul mòr farsaing, ceithir,
còig, sia.
Seachd, ochd, naoi, tha
spìcean air a dhruim
ìnean fada air a spògan, seachd, ochd, naoi.
Deich, a h-aon deug, chan
fhaca duine riamh
beathach tha cho iargalta, deich, a h-aon deug.
(Bhon leabhar 'Trealaich
is Tuilleadh Trealaich' le Mairead Hulse)
|