Tuilleadh rannan

Noah 's a bhean, 's a mhic



Chaidh Noah 's a bhean, 's a mhic dhan Àirc
hurra, hurra
chaidh Noah 's a bhean, 's a mhic dhan Àirc
hurra, hurra
chaidh Noah 's a bhean, 's a mhic dhan Àirc
Noah 's a chàirdean air a shàil
dhan bhàta mhòr le rum gu leòr
gus nach fhàsadh iad fliuch.

Chaidh na beathaichean ann, fear ma seach
hurra, hurra
chaidh na beathaichean ann, fear ma seach
hurra, hurra
chaidh na beathaichean ann, fear ma seach
leòmhann is tìgear, is bò, is each
dhan bhàta mhòr le rum gu leòr
gus nach fhàsadh iad fliuch.

Chaidh na h-eòin a-steach, a dhà 's a dhà
hurra, hurra
chaidh na h-eòin a-steach, a dhà 's a dhà
hurra, hurra
chaidh na h-eòin a-steach, a dhà 's a dhà
a' chuthag, an tunnag, 's an tarmachan
dhan bhàta mhòr le rum gu leòr
gus nach fhàsadh iad fliuch.

Chaidh na beathaichean ann, a trì 's a trì
hurra, hurra
chaidh na beathaichean ann, a trì 's a trì
hurra, hurra
chaidh na beathaichean ann, a trì 's a trì
sheinn an sionnach air a' phìob
dhan bhàta mhòr le rum gu leòr
gus nach fhàsadh iad fliuch.

Chaidh na beathaichean ann, a ceithir 's a ceithir
hurra, hurra
chaidh na beathaichean ann, a ceithir 's a ceithir
hurra, hurra
chaidh na beathaichean ann, a ceithir 's a ceithir
hippopotamus gòrach le chota leathar
dhan bhàta mhòr le rum gu leòr
gus nach fhàsadh iad fliuch.

(Bhon leabhran 'Seinneamaid Còmhla')