Tuilleadh rannan

Còig gobhair bheaga

Còig gobhair bheaga
a' seòladh ann an eathar
thuit fear aca dhan mhuir
is cha robh ann ach ceithir.

Ceithir gobhair bheaga
ann an taigh an rìgh
ghoid fear aca bonnach mòr
is cha robh ann ach trì.

Trì gobhair bheaga
dol a bhleoghan na bà
bhreab an tarbh fear aca
is cha robh ann ach dhà.

Dà ghobhar bheag
a' dìreadh suas dhan chraoibh
chunnaich fear dhiubh cailleach-oidhche
is cha robh ann ach aon.

Aon ghobhar beag
ag osnaich leis fhèin
chuir sinn ann an rocaid e
is chaidh e suas dhan ghrèin.