|

Còig muncaidhean beaga
a' seòladh ann an eathar
thuit fear aca dhan a' mhuir
is cha robh ann ach ceithir.
Ceithir muncaidhean beaga
ann an taigh an Rìgh
ghoid fear aca bonnach mòr
is cha robh ann ach trì.
Trì muncaidhean beaga
dol a bhleoghain na bà
bhreab an tarbh fear aca
is cha robh ann ach dhà.
Dà mhuncaidh beag
a' dìreadh suas na craoibhe
chunnaic fear dhiubh cailleach-oidhche
is cha robh ann ach aon.
Aon mhuncaidh beag
ag osnaich leis fhèin
agus chuir sinn ann an rocaid e
is chaidh e suas don ghrèin.
(Bhon leabhran 'Seinneamaid
Còmhla')
|