Tuilleadh rannan

Dhà-dheug agus trì-deug

Dhà-dheug agus trì-deug
fhuair na mèirlich fìor-leug
nuair a bhris iad steach don chaisteal
ann am baile Strìmeig.

Ceithir-deug 's a còig-deug
cheannaich Iain bò bheag
fhuair iad ìm is gruth is bàrr
is dh'òl na cearcan tòrr mèag.

Sia-deug agus seachd-deug
dheasaich Anna breacag
thugadh i air falbh on bhòrd
cò ghoid i, cha robh beachd aice.

Ochd-deug, naoi-deug, fichead
thall air cùl an lios ud
fhuaradh nead le uighean gorm
is mòr mo dheagh nach bris iad.