Tuilleadh rannan

Rannan beaga

Aon, dhà, mach am bàta
trì, ceithir, brògan leathair
còig, a sia, uisge is fèath
seachd, ochd, 's mi tha bochd
naoi, deich, faic na h-eich.

------

Aon, dhà, trì, ceithir, còig
o gur mise th' air mo dhòigh
sia, seachd, ochd, naoi, deich
fhuair mi briosgaid agus cèic.

------

Aon, dhà, siud am bàta
trì, ceithir, brògan leathair
còig, sia, pìos is iasg
seachd, ochd, piseag bhochd
naoi, deich, cuilean leisg.

------

Aon, dhà, trì
sin trì uighean
ceithir, còig, sia
sin agad iad uile.

Aon ugh, dà ugh
trì uighean donna
ceithir, còig, sia uighean
bidh iad math le hama.

------

Aon bhuntàta, dà bhuntàta
trì buntàta carrach
ceithir buntàta, còig buntàta
sia buntàta bharrachd.

------

Aon, dhà, trì
Eilidh, Ceit 's mi fhìn
an-diugh a' trod 's a-màireach càirdeil
's mairg thèid sàs nar strì.

------

Aon, dhà, trì
uain th' agam fhìn
dhà bidh fhathast nan caoraich bhàna
's aon mar theàrr no bìth.

------

Aon, dhà, trì, ceithir, còig
ghlac mi iasg beag ann an loch
sia, seachd, ochd, naoi, deich
nuairsin leum e às a' phoca!

------

Aon, dhà, seas air an làr
trì, ceithir, ruith is beir air
còig, sia, suidh air an fheur
seachd, ochd, cuir tì sa phoit
naoi, deich, coisich gun taigh!