Tuilleadh rannan

Seall còig maragan

Seall còig maragan
nan suidhe ann am poit
"Pchchchchu!" thuirt tè dhiubh
's dh'fhalbh i na toit.

Seall ceithir maragan
nan suidhe ann am poit
"Pchchchchu!" thuirt tè dhiubh
's dh'fhalbh i na toit.

Seall trì maragan
nan suidhe ann am poit
"Pchchchchu!" thuirt tè dhiubh
's dh'fhalbh i na toit.

Seall dà mharag
nan suidhe ann am poit
"Pchchchchu!" thuirt tè dhiubh
's dh'fhalbh i na toit.

Seall aon mharag
na suidhe ann am poit
"Pchchchchu!" thuirt a' mharag
agus dh'fhalbh i na toit.

(Bhon leabhran 'Seinneamaid Còmhla')