|

Fhuair mi baidhsagal dhomh fhìn
's cha do rinn mi idir ceàrr,
bheir e tron a' bhaile mi
a cheart cho math ri càr.
Tha dathan air tha annasach
dearg is buidhe is liath,
falbhaidh mise an rathad leis
a cheart cho luath ri fiadh.
'S tric a bhios mi sgìth
leis
's mi dìreadh anns gach àite,
suas gu sàil Cheann Dèabaig
's mo theanga chun an làir!
Ach nuair a thig an
oidhche
's nach fhaic mo shùilean càil,
tionndaidhidh mi na solais air
cho soilleir ris an là!
(Bhon leabhar 'Muir agus Tìr')
|