Tha tractar ann an uinneig Bùth MhicCoinnich
tractar dearg le rothan mòra dubh
abair thusa gur mi bhiodh moiteil
nam faighinn fhìn an tractar ud an-diugh.
'S e bhiodh math a' tarraing
dhachaigh mòine
dhuinn fhìn is dha na nàbaidhean air fad
's mo ghealladh dhut gum biodh e cheart cho feumail
a' treabhadh is a' cliathadh a' bhuntàt'.
Chuidichinn-sa m'
athair leis an arbhar
cha ghearaininn gu bràth gun robh mi sgìth
bhithinn trang gach là bho mhoch gu anmoch
nam faighinn-sa an tractar ud dhomh fhìn.
(Bhon leabhar 'Trobhadaibh
a-Steach' le Mairead Hulse)