Tuilleadh rannan

Einnsean, tractar agus bhan


Sèist: Einnsean, tractar agus bhan
einnsean, tractar, tha iad trang
sìos an rathad
suas an rathad
fad an là trang
einnsean, tractar agus bhan.

"Nì nò, nì nò" ars an einnsean-smàlaidh
"nì nì nò" ars an einnsean dhearg
"cabhag an seo an-diugh
cabhag an seo an-diugh
cabhag an seo,"
ars an einnsean dhearg.

"Och, och, och" ars an tractar aig Seonaidh,
"och, och, och" ars an tractar dearg
"tha mi sgìth ag obair dhut
tha mi sgìth ag obair,"
ars an tractar dearg.

"Bhrum! bhrum! bhrum!" arsa bhan a' Phuist-oifis
"bhrum!, bhrum! bhrum!" ars a' bhan bheag dhearg
"litir agam dhut an seo
litir agam dhut an seo
litir agam dhut,"
ars a' bhan bheag dhearg.

(Bhon leabhar 'Dòtaman')



© dealbhan Christine Campbell & GRD