Seall am plèana, seall am plèana
seall am plèana shuas san adhar
seall am plèana, seall am plèana
seall am plèana shuas san adhar
tha i mòr, tha i trom
tha na sgiathan mòr farsainn
seall am plèana, seall am plèana, seall am plèana.
Seall am plèana,
seall am plèana
seall am plèana tighinn à Glaschu
seall am plèana, seall am plèana
seall am plèana tighinn à Glaschu
tha i shuas, tha i àrd
tha i àrd anns an adhar
seall am plèana, seall am plèana, seall am plèana.
Cluinn am fuaim, cluinn
am fuaim
cluinn am fuaim aig an einnsean
cluinn am fuaim, cluinn am fuaim
cluinn am fuaim aig an einnsean
thig i nuas, thig i nuas
thig i nuas chun phort-adhair
seall am plèana, seall am plèana, seall am plèana.
(Bhon leabhar 'Rannan' le Ceiteag Mhoireasdan)