GRD > Beul-aithris > Craobhan > Beithe
Beul-aithris - Craobhan


Beithe
Tha a' chraobh seo ri faighinn air feadh Bhreatainn agus ann am mòran àiteachan san Roinn Eòrpa. Tha e coltach gur i a' chiad chraobh a nochd an dèidh Linn na Deighe agus 's dòcha gur e sin as coireach gun robh i na samhla air beatha ùr aig na draoidhean. A rèir sgrìobhadair Ròmanach a bha beò sa chiad linn AC b' ann san Fhraing a dh'fhàs a' chraobh seo an toiseach.

Fàsaidh i gu math àrd ann an àiteachan fasgach ach ann an Alba chan eil i ro mhòr. 'S i craobh bhrèagha a th' innte le rùsg mìn, geal.

Bha iomradh air a' chraoibh seo ann an iomadh sgeulachd; b' e slat beithe a bh' aig Brìghdeag (samhla Brìghde a bhitear a' dèanamh sna h-eileanan).

BeitheNam faiceadh tu beithe uaine nad bhruadar b' e droch shamhla a bh' ann ach nam biodh beithe a' fàs còmhla ri drisean air uaigh dithis leannan bha sin na shamhla nach robh iad dealaichte sa bhàs.

Bha na draoidhean a' meas na craoibhe seo naomh agus b' e a fiodh a bha a' dèanamh sguaban nam buidseach. Bha iad a' cur na craoibhe seo aig toiseach na bliadhna aca agus thàinig i, mar sin, gu bhith co-cheangailte ri breith is tòiseachadh ùr ach bha i cuideachd co-cheangailte ri spioradan an fho-shaoghail. B' e Samhain toiseach na bliadhna dhraoidheil. Ach bha i cuideachd co-cheangailte ri Bealltainn agus b' e fiodh beithe leis an robhar a' cumail teintean Bealltainn a' dol. Nan ceangaileadh tu rioban dearg timcheall air craoibh beithe chumadh seo an droch-shùil air falbh. Aig aon àm bha creathaill leanabain air an dèanamh à fiodh beithe gus am biodh iad air an dìon.

Air Ghaidhealtachd na h-Alba aig aon àm bhathas a' toirt tòrr feum às a' chraoibh bheithe. Bhiodh na Gaidheil, o chionn fhada, a' cleachdadh an rùisg, no a' bhèilleig, airson solas choinneal agus bhiodh iad cuideachd a' sgrìobhadh air mus robh pàipear ann. 'S e fiodh a th' ann a loisgeas gu math ach a dh'aindeoin sin bithear ga chleachdadh airson casan innealan is bhruisean is uaireannan airson àirneis. Bhiodh cuid a' dèanamh ròpa dheth airson an tughadh a chumail air taighean.

B' ann air teintean beithe a bha cuid den obair a tha co-cheangailte ri uisge-beatha ga dhèanamh, bha iad cuideachd a' smocadh hamaichean is chiopairean orra. Bidh daoine a' dèanamh fìon à sùgh na craoibhe seo agus tha am fìon sin ri fhaighinn ann an ionadan-fìona air feadh Alba.

Ann an dùthchannan Lochlannach bitear a' dèanamh bhascaidean a-mach à beithe.

Bhitear cuideachd a' goil sugh na beithe airson teàrr a dhèanamh aig aon àm. Tha e ga chur ann an leathair Ruiseanach agus ma thèid leabhraichean a nasgadh san leathair seo cha tig clòimh-liath orra seach gu bheil ola na beithe san leathair.

Gheibhear dathan brèagha buidhe bho na duilleagan aice. Bha teatha le duilleagan beithe ga h-òl aig aon àm airson an t-siataig. 'S e deoch gu math taitneach a gheibhear bho shùgh na beithe agus tha daoine a' cumail a-mach gu bheil e math airson do dhubhagan.

San là an-diugh thathar a' cur a' bheithe gu feum cuideachd; thòisich companaidh carthannais ris an canar 'Highland Birchwoods' ann an 1995. Bidh iad a' fàs balganan-buachrach sònraichte air logaichean beithe is gan reic ri taighean-bidhe spaideil. Thathas an dòchas gun leudaich seo gu bhith na ghnìomhachas croitearachd.

'S i a' chraobh seo suaicheantas nam Bochanan. Tha Loch a' Bhealaich Bheithe ann an Siorrachd Inbhir Nis air ainmeachadh air a' chraoibh bheithe.