|
Calltainn
Chan e craobh mhòr a tha sa challtainn
idir; 's ann a tha i nas coltaiche ri preas is gun i a' fàs
ach gu àirde sia meatairean mar as tric. 'S e colla ainm
eile airson calltainn. Tha cuid a' cumail a-mach gur ann bhon sin
a thàinig Oidhche Challainn seach gum bi a' challtainn a'
tòiseachadh a' beothachadh san Fhaoilleach. Tha an t-ainm
Beurla a' tighinn bhon fhacal 'haesl' a bha a' ciallachadh bata
ùghdarrais.
Mar iomadh craoibh eile a th' againn air Ghaidhealtachd
na h-Alba, tha a fionn-sgeulan fhèin co-cheangailte rithe.
B' ann oirre a bha an litir 'c' stèidhichte anns an t-seann
aibideil Ghàidhlig agus seach gun robh 'call' aig toiseach
an ainm bha na seann Ghaidheil ga meas mì-shealbhach. Ach,
aig a' cheart àm, bha iad a' creidsinn gur e 'craobh an eòlais'
a bh' innte agus gum biodh i a' fàs aig an tobar a bh' aig
toiseach gach aibhne. Bha na tobraichean sin air a meas naomh is
bhiodh daoine a' crochadh luideagan air geugan na craoibhe. Bhathas
a' smaoineachadh gun robh a' chraobh a' fàs an seo air na
crìochan eadar dà shaoghal far am faodadh rudan iongantach
tachairt.
Bha
i gu mòr co-cheangailte ri geaslanachd uisge. Bhathas a'
creidsinn cuideachd aig aon àm nan itheadh bradan na cnothan
a thuiteadh dhan uisge gum biodh spiorad a' bhàird aige agus
tuigse iongantach. Bha an neach a dh'itheadh am bradan sin an uair
sin a' faighinn nan gibhtean sin. Tric ann an litreachas na h-Èireann
cluinnear mu bhàird ag ithe 'cnothan an eòlais' agus
tha a' chraobh seo a' tighinn a-steach ann an sgeulachdan mu dheidhinn
Tuatha Dè Dannan is sgeulachdan Èireannach eile. Chithear
dealbhan de dhraoidhean is iad a' falbh le slatan calltainn; bha
iad a' sireadh cumhachdan fàidheadaireachd le bhith ag ithe
chnothan calltainn cuideachd. B' ann bho na cnothan aice, tha coltach,
a bha na bàird a' faighinn an eòlais a bh' aca air
sgeulachdan is air mar a sgrìobhadh iad bàrdachd is
òrain.
Bha a' chraobh seo air a meas naomh leis an dia
Cheilteach, Manannan, agus nan deigheadh a gearradh gun adhbhar
b' e am bàs am peanas!
Ach bha a' challtainn cuideachd co-cheangailte
ri Thor, dia an teine, an dealanaich is an tàirneanaich seach
gun robh fiodh calltainn air a chleachdadh airson teine a lasadh
le bhith a' suathadh bhioranan ri chèile. Tha sgeulachd ann
gun do dh'iarr Naomh Kentigern air teine a thighinn à nèamh
le bhith a' suathadh geug challtainn nuair a chaidh an teine naomh
a bh' aige na mhanachainn a chur às.
Bhiodh seòladairean a' cur calltainn dha
na bonaidean aca gus nach èireadh càil dhaibh fhad
's a bhiodh iad aig muir. Bha dìon sa challtainn cuideachd
bho thinneasan leithid siatag agus an dèideadh.
Bhitear a' cleachdadh slatan caola a' challtainn
airson bascaidean no clèibh a dhèanamh, airson an
tughadh a chumail air na taighean-tughaidh agus uaireannan airson
feansaichean a dhèanamh. Bha fiodh calltainn air a chleachdadh
cuideachd airson làmhan innealan, cromagan buachaille, camain
iomain is bàllaichean. Ann an eilean Eige, bhathas a' creidsinn
nach bu chòir fiodh calltainn a ghearradh nuair bha a' ghealach
a' dol air ais no na h-earra-dhubh.
Ach bha na slatan sin a' samhlachadh gliocas bhoireannach
agus bha iad cuideachd a' dèanamh sguaban dha buidsich! Air
an làimh eile, nan deigheadh dà chnò calltainn
fhaighinn is iad ceangailte ri chèile b' e samhla math a
bha seo agus dh'fhaodadh a sadail air buidsich gus nach beanadh
an droch-shùil riut. Bha cumhachd aig buidsich an dèanamh
fhèin neo-fhaicsinneach le slatan calltainn.
Bha cnothan calltainn gan cleachdadh aig Fèill
na Samhna; gheibheadh tu a-mach mar a bha do leannan a' faireachdainn
mu do dheidhinn nam faighnicheadh tu dhan chnò is nan sadadh
tu dhan teine e. Bha an dòigh anns an robh an cnò
a' leum is a' losgadh san teine a' toirt do fhreagairt dhut ge
bith ciamar! Nam biodh tu airson cuidhteas fhaighinn de leannan
cha robh agad ach slat calltainn a thoirt dha no dhi agus thuigeadh
e no i mar a bha cùisean! Bha na cnothan co-cheangailte ri
torachas is bhitear gan crathadh air bean na bainnse aig aon àm
mar a bhios daoine a' crathadh 'confetti' an-diugh. Bha clann a
dheigheadh am breith as t-Foghar air a meas fortanach oir gheibheadh
iad bainne cnò-challtainn mar chiad bhainne agus bhathas
a' toirt seo, air a mheasgachadh le mil, do chlann a bha tinn.
Aig aon àm bhitear a' cleachdadh slatan
calltainn gus dèanamh a-mach càite an robh òr,
luaidhe, gual is meatailtean eile.
Tha ainmean-àite ann an Alba anns
a bheil ainm na craoibhe seo a' tighinn a-steach, ainmean leithid
Cnoc Challtainn eadar Dùn Èideann is Lìte.
Thathas den bheachd gun robh deas-ghnàthan pàganach
no buidseach a' gabhail àite ann an sin.
|