GRD > Beul-aithris > Craobhan > Cuileann
Beul-aithris - Craobhan


Cuileann
'S i craobh sìor-ghorm a tha sa chuileinn is mar sin cha bhi i a' cur a duillich idir. 'S ann an lùib chraobhan eile a bhios i a' fàs ann an coilltean. Ron Nollaig bidh na dearcan dearga ag abachadh agus bidh iad nam biadh do na h-eòin aig àm nuair a tha biadh eile gann.

Cuileann'S e fiodh math cruaidh a th' oirre agus loisgidh e gu math san teine. Bithear a' dèanamh bhobhlaichean is rudan snaidhte leis an fhiodh seo agus tha duilleagan na cuileinn gan cleachdadh aig àm na Nollaige airson taighean a sgeadachadh agus airson droch shìthichean a chumail air falbh.

Bha e mì-shealbhach a' chraobh a ghearradh sìos ged a tha i cho math airson snaidheadh! Ann an 1861 chuir Diùc Earra-Ghaidheil casg air rathad a bhith air a dhèanamh seach gun robhas dol a leagail seann chraobh cuileinn.

Tha i math cuideachd mar fhodar do chrodh. Ged a bhathas a' toirmeasg a bhith a' leagail craobhan cuileinn dh'fhaodadh pìosan no geugan a thoirt asta. Bha am fiodh math airson pìosan tàileisg agus làmhan innealan a dhèanamh.

O chionn fhada bhitear a' glanadh shimilearan le sguab chuileinn. Bhathas a' creidsinn cuideachd gun robh eileamaid de smachd co-cheangailte ris a' chraoibh seo gu h-àraidh a thaobh eich agus bhiodh cuipean gan dèanamh às an fhiodh seo.

B' e craobh a bha seo air an robh gràin aig buidsich oir bha i na dìon bhon olc. Bha iomadh craobh de seòrsa a bha bìdeach air a meas mar chraobhan aig an robh dìon bho olc. Seach gu bheil i sìor-ghorm bhathas a' creidsinn gun robh cumhachdan os-nàdarra aice an aghaidh fuachd a' gheamhraidh.

San eaglais bha a' chuileann a' riochdachadh Chrìosd - a sìtheanan geala a' riochdadh Moire, na dearcan dearga a' riochdachadh fuil Chrìosda agus na duilleagan bìdeach crùn droigheann Chrìosda. Tha a' chuileann a' nochdadh ann an iomadh laoidh Nollaige.

Ann an uirsgeulan Ceilteach bha rìgh na cuileinn a' riaghladh airson leth den bhliadhna, is rìgh an daraich an leth eile.

Tha ainmean-àite an Alba co-cheangailte ris a' chraoibh seo, mar eisimpleir Cruach-doire-cuileann air Eilean Mhuile, Loch a' Chuilinn ann an Siorrachd Rois agus Inbhir Cuilinn (Cullen) ann an Siorrachd Bhanbh.

Ghabh Clann MhicIlleathain Mhuile a' chuileann mar an suaicheantas fhèin.