GRD > Beul-aithris > Craobhan > Darach
Beul-aithris - Craobhan


Darach
Tha meas mòr air an darach ann an iomadh cultar air feadh an t-saoghail agus bha i co-cheangailte ann an dòigh air choreigin ri an diathan sònraichte fhèin aig an robh ùghdarras thairis air uisge, tàirneanaich is dealanaich. Gu dearbh, tha an darach gu math bualtach a bhith air a bualadh le dealanaich seach gu bheil i cho àrd. Mar an dealanaich a bhuaileas an darach gu h-obann, tha a' chraobh a' toirt rabhadh dhuinn gum faodadh nithean obann a thighinn a-steach nar beatha, nithean a dh'fhaodadh cùrsa ar beatha atharrachadh gu tur. Bha i cuideachd na samhla air neart agus fìrinn.

Darach'S e craobh air leth mòr a th' anns an darach agus bheir i bliadhnachan mòra a' tighinn gu ìre; ma chuireas tu freumh daraich canar gur ann dhad oghaichean a tha thu ga cur oir chan fhaic thu i na bòidhchead nad bheatha! Bidh darach beò airson ceudan bliadhna agus tuigidh sinn sin bhon rann a leanas:

Trì aois coin, aois eich
trì aois eich, aois duine
trì aois duine, aois fèidh
trì aois fèidh, aois fìr-eòin
trì aois, fìr-eòin, aois daraich.

Bha na Gaidheil a' cur urram air an darach agus chanadh iad 'Rìgh na coille' ris a' chraoibh seo. Am beachd nan Lochlannach b' ann bhon darach a thàinig sluagh na cruinne bho thùs!

Tha iomradh air darach ann am bàrdachd gu math tric, gu h-àraidh ann am bàrdachd na 17mh linne is na 18mh linne nuair a thathas a' samhlachadh laoch air choreigin ri darach làidir treun, mar a bha Sìleas na Ceapaich a' dèanamh nuair a bha i ag ainmeachadh Alasdair Ghlinne Garaidh san dòigh seo:

Bu tu an t-iubhar às a' choille,
bu tu an darach daingeann, làidir.

Tha seann chunntasan, no bheachdan, againn gur ann fo craobhan daraich a bha na Draoidhean ag adhradh ach tha beachdan eile a' dol gu tur an aghaidh seo ged a tha an t-ainm, darach, a' tighinn bhon aon tùs ris an fhacal, draoidh agus bhon aon tùs ri dur (doras) an doras iongantach trom faigheadh tu a-steach do thìr nan sìthichean. Bha an t-iul-ioc, lus draoidheil, a' fàs air an darach agus bhathas a' creidsinn gur e làmh Dhè a chuir an sin e aig àm nuair bha dealanaich ann.

Tha an darach a' nochdadh ann am mòran sgeulachdan co-cheangailte ri diathan is bana-dhiathan oir bha pàganaich air feadh na Roinn Eòrpa am beachd gun robh cumhachdan sònraichte aig a' chraoibh seo. Ann an Alba, ged-tà, bhathas a' meas gun robh a' challtainn agus an caorann na bu chumhachdaiche. Ach, a dh'aindeoin sin, dh'fheumte stoc daraich airson an teine nam bitear a' dèanamh subhachas sam bith. Gus an là an-diugh 's e darach a bhios daoine a' losgadh san teine aig àm na Nollaige is chithear dealbhan de logaichean daraich air cairtean Nollaige.

Nuair a thàinig an creideamh Crìosdail nach iongantach gur ann air seann làraich-adhraidh nan Draoidhean, am measg nan craobhan daraich, a chaidh eaglaisean is manachainnean a thogail! Bhiodh am fiodh air a chleachdadh anns na togalaichean. Tha aithrisean ag innse gun robh meas mòr aig Colum Cille air craobhan daraich agus nach gearradh e sìos iad nam b' urrainn dha sin a sheachnadh. Ach, b' ann bhon fhiodh seo a thog e seapall air Eilean Idhe. Air Là Choluim Chille b' ann air teine de fhiodh daraich a bhiodh daoine a' deasachadh bhonnach.

Ann am paraistean sònraichte air feadh Alba tha, no bha, craobh ris an canar Darach an t-Soisgeil. B' i sin darach fom bitear a' leughadh às a' Bhìoball aig amannan sònraichte.

Bhiodh rìghrean, o chionn fhada, a' cur duilleagan daraich nan crùintean mar shamhla air an dia a bha iad a' riochdachadh, oir bha iad gam faicinn fhèin mar dhiathan! Tha duilleagan daraich air am peantadh no air an snaidheadh ann an nithean a tha a' samhlachadh buaidh ann an cogadh no strì suas chun an là an-diugh.

Tha dearcan-daraich nam biadh do eòin is do bheathaichean beaga eile a bhios sa choille.

'S e fiodh àlainn a th' ann an darach. Bha barrachd chraobhan daraich ann am Breatainn aig aon àm na th' ann an-diugh oir chaidh mòran dhiubh a leagail sna Meadhan Aoisean airson bàtaichean a thogail. Gu dearbh, tha am facal, darach, a' ciallachadh slige bàta. B' e darach a bh' ann am bàtaichean Tighearna nan Eilean oir bhathas a' meas gun robh cumhachd san fhiodh. Tha darach ga chleachdadh fhathast airson àirneis taighe.

O chionn fhada bhiodh daoine ag òl leann a bh' air a dhèanamh le rùsg daraich nuair a bhiodh tinneasan leithid dìobhairt orra agus nuair a bha iad amharasach gun deach am puinnseanachadh.

Bhiodh iad a' cur rùsg daraich còmhla ris a' chrotal anns na Hearadh aig aon àm airson dath eadar-dhealaichte a chur air a' chlòimh. Bha an rùsg air a chleachdadh cuideachd airson cart a chur ann an leathar, gu h-àraidh airson brògan dearga a dhèanamh! Bha taobh a-staigh an rùisg ga chur air eich nam biodh lotan orra agus cha robh na daoine a bha ag obair leis a' chairt a bhathas a' dèanamh às an rùsg cho dualtach a' chaitheamh fhaighinn.

A thuilleadh air na feuman sin a bhathas a' toirt à fiodh daraich bha e cuideachd air a chleachdadh na ghual-fhiodha ann an leaghadh-iarainn. Nuair bhitear a' dèanamh bharaillean daraich bha a' mhìn-saibh air a cleachdadh san teine airson dath a chur air ciopairean.

Bha spèis mhòr aig na h-Iùdhaich den chraoibh seo agus tha iomraidhean oirre sa Bhìoball. Chì sinn ann an ciad leabhar nan Rìgh (13:14) gun robh fasgadh fo a sgàil agus gun robh a fiodh math airson bàtaichean a thogail (Eseciel 27:6 agus Amos 2:9). Ann an Ecsodus 35:23 bhathas a' cleachdadh nam biastagan a bh' anns a' chraoibh seo airson aodach nan sagart a dhath.

Mar le ainmean chraobhan eile, tha darach a' nochdadh ann an ainmean-àite, m.e. Creag an Daraich.

B' e darach suaicheantas nan Stiùbhartach Rìoghail agus nan Camshronach.