GRD > Beul-aithris > Craobhan > Feàrna
Beul-aithris - Craobhan


Feàrna
Tha an fheàrna ri faighinn air feadh na dùthcha, ann an àiteachan bog faisg air uillt is lochan. Tha an rùsg aice cruaidh, dubh-ghlas. Bithear a' cleachdadh an fhiodh aice airson casan innealan, casan sguaban is buinn bhrògan fiodha a dhèanamh. Bha e air a chleachdadh cuideachd airson cairtean, cuibhleachan-shnìomh, bobhlaichean is eile a dhèanamh agus b' e luinn den fheàrna a bhiodh a' cumail baraillean sgadain ri chèile. Cha bhreòth am fiodh idir agus 's e sin as coireach gun robh e air a chleachdadh anns na seann làithean airson togalaichean leithid chrannagan a thogail air lochan. Tha a' chuid mhòr de Venice air a thogail air fiodh feàrna.

FeàrnaChan eil am fiodh math mar chonnadh idir ach bithear ga chleachdadh airson gual-fhiodha a dhèanamh. Bhiodh na Ceiltich ga chleachdadh mar seo airson an innealan-cogaidh a chumadh. Ach aon uair is gu bheil am fiodh a-mach às an uisge tha e a' breothadh gu math luath. Bhitear uaireigin a' dèanamh cart airson leathar leis an rùsg aice agus stuth airson clò a dhath.

Bha duilleagan na craoibhe seo air an cleachdadh mar phlàst nuair a bhiodh casan a' sèid an dèidh a bhith a' siubhal agus bha deoch ga dhèanamh leis an rùsg airson amhach ghoirt.

'S e craobh bheag a th' innte mar as trice agus tha i a' toirt 30 bliadhna a' ruighinn inbheachd. Bidh cuid dhiubh beò gu 150 bliadhna.

O chionn fhada bha i air a meas naomh oir shaoileadh tu gun robh i a' sruthadh na fala dìreach mar dhaoine. 'S ann soilleir a tha dath an fhiodha gus an tèid a ghearradh ach an uair sin tha e a' tionndadh orains.

Mar a tha an seanfhacal a leanas a' sealltainn dh'fheumar feàrna a ghearradh ann an dòigh eadar-dhealaichte bho fhiodh eile:

Gach fiodh on bhàrr 's an fheàrna on bhun

B' i aon de chraobhan naomh nan draoidhean agus bha i a' samhlachadh dìomhaireachd, àitean tèarmainn agus a' toirt àitean falachaidh do leannain is fasgadh do dhaoine a bha fon choill. Bha na h-àiteachan far an robh feàrna a' fàs cho bog agus nach biodh mòran a' tadhal nan coilltean sin co-dhiù!

B' e rìgh an uisge a chanar ris an fheàrna agus bànrigh an uisge ris an t-seileach.

Ann an sgeulachdan Èireannach b' e slat feàrna a bh' aig an dia, Bran. Nuair a bha Deirdre a' ruith air falbh gu Alba le a leannan, Naoise, b' ann ann an coilltean feàrna Ghleann Èitibh a dh'fhalaich iad iad fhèin agus 's dòcha gur e sin as coireach gun tàinig a' chraobh seo gu bhith na samhla air dìon do leannain. Tha an dath uaine a gheibhear bho bhlàth an fheàrna co-cheangailte ris an aon chuspair cuideachd ann an dòigh oir b' e seo an dath a bh' air aodach Robin Hood agus nan sìthichean!

Seach gun robh na h-Èireannaich a' creidsinn nan sgeulachdan sin bha iad ga mheas mì-shealbhach nan deigheadh iad seachad air craoibh fheàrna is iad air turas. Ach, aig a' cheart àm nach robh iad a' cleachdadh nan duilleagan airson an casan ciùirte a leigheas?

Anns an là an-diugh tha an fheàrna a' cuideachadh le bhith a' cur casg air nithean a tha neo-bhàigheil don àrainneachd. Tha na cnapan a th' air freumhan an fheàrna làn naitrigean agus thathas gan cleachdadh airson mathachadh na talmhainn. Tha a' chraobh, mar sin, feumail ann a bhith ag ath-chleachdadh talamh a bha na fhearann-fàs.

Tha ainmean-àite co-cheangailte ris a' chraoibh air feadh Alba, leithid Còig na Feàrna.