|
Giuthas
Ann am Breatainn, tha sinn eòlach
air dà sheòrsa giuthais, giuthas Albannach is giuthas
Lochlannach. Chan eil an giuthas Lochlannach nàdarrach don
dùthaich ach chaidh a thoirt a-steach air sgàth 's
gu bheil am fiodh math airson a chleachdadh ann an togail thaighean.
'S ann air Gaidhealtachd na h-Alba a tha an giuthas
Albannach a' fàs gu nàdarrach agus eadhon ann an àiteachan
de dh'Alba far an robh iad air a dhol à bith chaidh an cur
a-rithist agus tha iad a-nise gu math cumanta. Feumaidh fèidh
is beathaichean eile a bhith air an cumail air falbh bhuapa gus
cothrom a thoirt dhaibh an stèidheachadh fhèin às
ùr.
Tha
fiodh a' ghiuthais air a chleachdadh ann an togalaichean, an cabair
rèilichean-iarainn, am polaichean teileagraf is ann an stoban
fheansaichean. Bidh cuid dheth ga chleachdadh ann an àirneis
is bithear ga phronnadh airson pàipear a dhèanamh.
Nuair a chaidh Caisteal Cille Chùirn a leagail ann an 1832,
an dèidh bhith air a thogail trì cheud bliadhna roimhe
sin bha am fiodh giuthais a bha sa mhullach aige cho ùr 's
a bha e nuair chaidh a chur an sàs. Bha am fiodh math ann
am bàtaichean agus bha luchd-togail bhàtaichean a'
creidsinn nach bu chòir am fiodh a ghearradh nuair bha a'
ghealach a' cnàmh seach nach biodh e cho ròiseideach
aig an àm sin.
Suas gu deireadh na 18mh linne, bha coinnlean gan dèanamh
à freumhaichean a' ghiuthais a dheigheadh a chladhach à
poll-mònach. Mar a tha (no mar a bha) daoine a' buain mòine
bhitear uaireigin a' dol a thional fiodh giuthais airson na teintean
a chumail a' dol tron gheamhradh.
Bhathas a' dèanamh cungaidh-leighis airson ghearraidhean
is niosgaidean bho bìth a' ghiuthais agus bha an rùsg
ga chleachdadh ann an cungaidhean airson fiabhrasan a lùghdachadh.
Tha iomadh ainm air a' ghiuthas ann an Alba agus seo cuid dhiubh:
Rìgh na coille, duine fiadhaich na coille, craobh nan gaisgeach,
nan ceann-feadhna is nan laoch.
Mar gach craoibh eile a bha uaine fad na bliadhna, bha an giuthas
na shamhla air beatha is neo-bhàsmhorachd. Sin bu choireach
gun do thòisich daoine a' sgeadachadh an taighean le meanglain
sa gheamhradh agus bhitear a' cur giuthas air uaigh gaisgich gu
math tric cuideachd.
Far am faicear craobh giuthais a' fàs leatha fhèin
thathas dhen bheachd gur ann a' comharrachadh uaigh a tha i no eadhon
a' comharrachadh seann shlighe a tha fo fheur an-diugh. Nuair a
chithear iad nan aonar ann an Sasainn tha cuid den bheachd gur e
daoine a bha dìleas do na Seumasaich a chuir iad.
Ann an iomadh cultar bha an giuthas cudthromach mar shamhla air
torachas agus ann an cultar nan draoidhean b' e teintean giuthais
a bhathas a' lasadh aig fèilltean a' gheamhraidh feuch an
tilleadh a' ghrian air ais. Bhathas a' crochadh rudan gleansach
air craobhan giuthais aig an àm seo cuideachd agus 's dòcha
gur e sin as coireach gur e giuthas a bhios againn chun là
an-diugh mar chraoibh Nollaige agus Naomh Neacail a' gabhail àite
seann spiorad na craoibhe.
Anns an t-seann sgeulachd mu Dheirdre is Clann Uisnich, tha Deirdre
is a leannan, Naoise, air an tiodhlacadh air dà thaobh locha.
Tha meanglain giuthais a' sìneadh a-mach air gach taobh is
a' cur snaidhm air a chèile. Tha Conachar, Rìgh Ulaidh
a' gearradh nam meanglan ach tha iad a' fàs a-rithist is
a' dol am measg a chèile ri linn a' ghràidh a bh'
aca air a chèile.
'S e an giuthas suaicheantas nan Griogarach agus tha an rann a leanas
ag innse gun robh an cinneadh sin cho maireannach ris a' chraoibh:
Cruaidh mar am fraoch, buan mar an
giuthas (B' e na Dòmhnallaich a bha cruaidh mar fraoch)
A rèir a' Bhìobaill b' ann de ghiuthas
a bha ùrlar teampall Sholaimh air a dhèanamh ach an
e giuthas Albannach a bh' ann?
Tha Ceann a' Ghiuthasaidh a' tighinn bho
ainm na craoibhe seo.
|