|
Seileach
Tha an seileach ri faighinn air feadh na
dùthcha, gu h-àraidh ann an àiteachan bog.
Chan fhàs i mòran nas àirde na còig
meatairean deug. Nuair a tha a' chraobh òg tha an rùsg
rèidh, donn-orains ach mar a bhios i a' fàs nas sine
bidh e a' fàs liath. Tha fiodh an t-seilich aotrom is tolltach
agus gleidhidh e tòrr uisge.
Mar a' bheithe, b' e an seileach aon den chiad chraobhan a nochd
an dèidh Linn na Deighe.
A
thuilleadh air an fheum a bhatar a' dèanamh dhith airson
bhascaidean, ròpa, togail thaighean is fheansaichean, clèibh
ghiomach agus uidheaman eile, bha i cuideachd air a meas na craoibh
dhraoidheil.
Mar a' bheithe cuideachd, bha i co-cheangailte ri Naomh Brìghde.
Gu h-annasach, thathas dhen bheachd gu bheil na trì stuic
criogaid gum bithear a' bualadh a' bhuill chun là an-diugh
nan samhla air trì pearsachan Brìghde! B' e am fiodh
seo a bha a' dol ann am bataichean criogaid. Mus tàinig plastaig
b' iomadh rud a bhatar a' dèanamh à seileach.
Bha fiodh seilich èifeachdach airson dìon bhon droch-shùil
ach bha geug no dhà dheth am broinn an taighe a' toirt soirbheachadh
don taigh. 'S ann bho stuth a th' ann an rùsg an t-seilich
a tha aspirin ga dhèanamh. Bha sùgh an t-seilich math
airson lotan is foinneachan cuideachd. Roimhe seo bha teatha ga
dhèanamh dhen rùsg is bha seo air a ghabhail nam biodh
droch fhuachd aig duine no nam biodh siatag air.
Bha rùsg seilich ga thoirt dha beathaichean mar fhodar, airson
cart a chur ann an leathair agus airson dath brèagha buidhe-ruadh
fhaighinn.
Lorg arc-eòlaichean bascaid de sheileach ann an Sealtainn
a bhathas a' meas a chaidh a dhèanamh anns an 6mh linn agus
bha an dòigh dèanaimh aice dìreach ann an stoidhle
an là an-diugh. Chithear a' bhascaid seo ann am Museum Rìoghail
na h-Alba ann an Dùn Èideann.
Tha Crìosdaidhean a' samhlachadh seileach ri bròn
air sgàth 's mar a tha e air ainmeachadh ann an salm 137.
Ann am Beurla canar weeping willow ri aon seòrsa dhiubh agus
chithear iad air a snaidheadh air lic-uaigheach.
An-diugh tha obair-seilich a' fàs a-rithist agus e air a
chleachdadh ann an àirneis ghàraidhean is hutaichean-cluiche
cloinne is a leithid sin.
Tha seileach a' nochdadh ann an ainmean-àite leithid Ach
nan Seileach agus Corrieshalloch airson gun robh na craobhan a'
fàs ann agus airson nan obraichean co-cheangailte ri seileach
a bha a' dol san àite.
|