A' Chailleach-oidhche
Tha a' chailleach-oidhche co-cheangailte ri
draoidheachd is saobh-chràbhadh ann am beul-aithris an t-saoghail.
Tha rudeigin na coltas a tha a' dùsgadh eagal is fiamh ann
an daoine ged a tha coltas an duine ri fhaicinn na h-aodann. Tha a
guth no a sgriach cuideachd oillteil agus ann an iomadh dualchas tha
seo air a ghabhail mar ro-aithris air droch naidheachd air choreigin.
Tha
aghaidh na caillich-oidhche le na sùilean mòra mar
speuclairean a' toirt coltas glic dhi cuideachd; 's dòcha
gur e sin as coireach gu bheilear a' bruidhinn oirre sa Bheurla
mar, 'wise old owl'. Tha deagh chlaisneachd aice cuideachd. Ach
's dòcha gur e an rud as iongantaiche buileach an comas a
th' aice a ceann a thionndadh gun a corp a charachadh; faodaidh
a corp a bhith a' coimhead aon taobh, mar gum biodh, is a ceann
a' coimhead an taobh eile.
Seach gur ann air an oidhche a bhios an t-eun seo a' dol mu thimcheall
tha sin fhèin ga ceangal ri cumhachdan an dorchadais. Tha
buidsich cuideachd gu mòr an urra ris an eun seo airson an
geasachan. Anns an dealbh-chluich, 'Macbeth', bha triùir
bhuidsich Shakespeare a' cleachdadh sgiath chaillich-oidhche airson
an geasachan.
Tha iomadh seòrsa ann dhiubh is tha ainmean eadar-dhealaichte
orra cuideachd ach 's e a' chailleach-oidhche an gnè as cumanta
an Alba. Canar comhachag ri seòrsa eile dhiubh.
Chleachd comhachagan bàna a bhith anns na h-eileanan anns
an 19mh linn ach chaidh am marbhadh gu tur agus chan fhaicear an-diugh
idir iad.
Tha a' chomhachag a' fuireach ann an seann làraich thogalaichean
is mar sin tha i co-cheangailte ri milleadh is bàs.
Aig aon àm bhitear a' crochadh cailleach-oidhche
mharbh air dorsan sabhail gus an droch-shùil a chumail air
falbh ach bhathas cuideachd a' cleachdadh pàirt dhith ann
an leighisean.
Tha seanfhacail ann a tha ag ràdh:
Tha mi nas eòlaiche air coille
na bhith fo eagal na caillich-oidhche
Tha a' chomhachag ri bròn, thig tuiltean òirnn
Tha iomradh air a' chaillich-oidhche is
air a' chomhachaig sa Bhìoball. Ann an Salm 102, rann 6,
leughaidh sinn:
Tha mi cosmhail ri pelican an fhàsaich;
Tha mi mar chomhachaig nan ionad aonaranach.
'S e smuaintean duine a th' air a
shàrachadh a tha seo is e a' faireachdainn gu bheil e air
leth bho chàch ann an dòigh air choreigin.
Tha Ieremiah cuideachd ga h-ainmeachadh
ann an caibideil 50 is rann 39 an co-cheangal ri àite fàsachail,
fiadhaich:
Gabhaidh fiadh-bheathaichean nam fàsach
agus madaidh-allaidh nan coilltean tàmh an sin;
an sin fòs nì nigheana na caillich-oidhche còmhnaidh;
is chan àiteachar i tuilleadh gu sìorraidh.
Seo measgachadh de dh'ainmean airson
nan diofar sheòrsaichean chailleachan-oidhche:
Bodach-oidhche (Tawny owl)
Cailleach-bhàn
(Snowy owl)
Cailleach-oidhche
Mhòr (Eagle owl)
Cailleach-oidhche
(Barn owl)
Cailleach-oidhche
(Tawny owl)
Comhachag(-bhàn)
(Barn owl)
Comhachag-adharcach
(Long-eared owl)
Comhachag-bhàn
(Snowy owl)
Comhachag-bheag
(Little owl)
Comhachag-chluasach
(Short-eared owl)
Comhachag-dhonn
(Tawny owl)
|
Comhachag-gheal (Snowy owl)
Comhachag-mhòr (Eagle owl)
Comhachag-mhòr (Snowy owl)
Comhachag-ruadh (Tawny owl)
Comhachag-shneachdaidh (Snowy owl)
Cumhasag (Barn owl)
Mucha (Long-eared owl)
Mulchan (Long-eared owl)
Seabhag-fheasgair (Hawk owl)
Seabhag-oidhche (Hawk owl)
Ullaidh-adharcach (Long-eared owl) |
|