|
An Calman
Tha iomadh seòrsa is gnè chalmain
ann ach tha an aithris seo a' gabhail a-steach calmain san fharsaingeachd.
Tha an calman na shamhla air sìth is càirdeas, air
fìor-ghlaine agus uaireannan air cràbhachd.
Bha an calman cumanta ann am Palestine agus bhathas ga mheas mar
eun glan; b' e sin bu choireach gun robhar gan cleachdadh airson
ìobairt agus bha iad air an reic ann an cùirtean na
h-eaglaise. Tha iomadh iomradh air a' chalman anns a' Bhìoball.
Tha Ieremiah ag iarraidh
air daoine a bhith:
Coltach ris a' chalman a nì a nead
ann am bruaich bile na h-uaimhe
Tha Crìosdaidhean ga fhaicinn mar
shamhla air an Spiorad Naomh cuideachd. B' e an calman a chuir Noah
a-mach às an àirc a thàinig air ais le duilleag
na bheul a dh'innse gun robh an dìle a' tiormachadh.
Ann
an uirsgeulan Gaidhealach b' ann anns na Hearadh a thàinig
an àirc air tìr agus, gu h-iongantach, b' ann an sin
a fhuair an calman duilleag dearc-ola! Thug Noah an uair sin cead
don chalman a thighinn gu na h-eileanan aig àm sam bith agus
neadachadh far an togradh e oir bhiodh trì gràineanan
coirce roimhe nuair a thigeadh e gu talamh. Ma leughas sinn soisgeul
Mharcuis 1:10 chì sinn gun tàinig calman a-nuas o
Nèamh is gun do laigh e air Crìosd aig àm a
bhaistidh. Mar sin chaidh àite sònraichte a thoirt
dhan chalman anns a' Bhìoball.
B' ann airson feartan an eòin seo a chaidh
an t-ainm a thoirt air Colum Cille a thàinig gu Eilean Idhe
leis an t-soisgeul.
Bithear a' leigeil calmain às aig toiseach
nan Geamannan Oileampaigeach mar shamhla air càirdeas nan
co-fharpaiseach.
Tha an calman cuideachd na shamhla air dìlseachd
ann am pòsadh agus ann an dualchasan eile bithear a' leigeil
calmain às aig toiseach an t-searmoin phòsaidh. Tha
na h-eòin fhèin dìleas da chèile is
bidh an aon chàraid còmhla fad am beatha.
Tha mòran dhaoine air feadh Alba
a tha cuideachd an sàs ann a bhith a' rèiseadh chalmain
agus tha a dhualchas fhèin co-cheangailte ri sin. Seach gu
bheil calmain dìleas dhan àite fhèin tillidh
iad air ais chun duine a leig air falbh iad.
Chan e eòin a th'
annta a tha dèidheil air a bhith an cuideachd eòin
eile idir, mar a chì sinn bhon rann seo mu ghuth a' chalmain:
Gurr-ù, gurr-ù, gurr-ù
chan ann dhem chuideachd thu
chan ann dhem chuideachd thu
tha mo chùl riut, tha mo chùl riut.
Chan ann dhem chuideachd thu
chan ann dhem chuideachd thu
chan itheadh tu siud gun mo chuid a thoirt dhòmhsa
nam b' ann dem chuideachd thu.
Ach ged a tha an ìomhaigh mhath sin aca
chan eil teagamh nach eil iad a' dèanamh call mòr
far a bheil bàrr a' fàs. Tha iad a' fàs gu
math bitheanta sna h-eileanan siar far a bheil an guth brònach
aca ri chluinntinn gu math tric. Ma gheibh iad an cothrom thig iad
gam biadhadh fhèin còmhla ri na cearcan sa chorra
dachaigh a tha fhathast gan cumail!
Bha uair a bha Alba air a bhreacadh le calmlainn
(taighean chalmain) air an robh ailtearachd inntinneach ach 's ann
gu math gann a tha iad sin an-diugh. B' ann aig na h-uaislean bu
trice a bha iad sin, suas chun 18mh linne ach bha còir reachdail
aig abaidean is manachainnean orra cuideachd.
Bha fèill cho mòr air calmain aig
an àm sin oir bhathas a' faighinn feòil is uighean
bhuapa sa gheamhradh aig àm nuair nach robh an t-àiteachas
aig ìre is gun cumadh e teaghlaichean a' dol.
Bha an salchar aca, a bha a' cruinneachadh sna
calmlainn, ga chleachdadh airson fùdar-gunna a dhèanamh.
Bhathas cuideachd ga chleachdadh ann an cairteadh leathair. A thuilleadh
air sin bhathas a' creidsinn gun robh leigheas ri fhaighinn bho chalmain
airson iomadach galar bhon phlàigh gu eadhon call fuilt!
Thòisich na calmlainn seo a' dol à
fasan mu thoiseach na 19mh linne nuair a thàinig dòighean
ùra àiteachais a-steach is nach robh feum tuilleadh
air a' bhiadh a bhathas a' faighinn bhuapa. Bha tuathanaich a bha
a' cur bàrr a' gearain mun chall a bha na calmain a' dèanamh.
A dh'aindeoin sin chithear na togalaichean
seo fhathast an siud 's an seo; bhathas a' creidsinn nan deigheadh
an leagail gun tigeadh bàs do na daoine a leagadh iad agus
mar sin bhathas gam fàgail ged nach robh feum ga thoirt asta.
|