An
Dreathan-donn
Tha an t-eun beag seo a' nochdadh gu math tric
ann am beul-aithris na Gaidhealtachd. Bha ainm aige mar eun Dhè
agus ann am beul-aithris Èireannach bha comas aige fàidheadarachd
a dhèanamh.
Bhathas
a' creidsinn nach deigheadh gu math do neach sam bith a dhèanadh
cron air dreathan-donn. Bha sgeulachdan eile ag innse mar a bhiodh
an dreathan-donn ga ìobradh mu àm na Nollaige airson
gun do bhrath e Naomh Stephan is tha iomadh sgeulachd a' dol anns
a bheil an dreathan-donn a' falbh le naidheachdan bho àite
gu àite.
Aig uair eile nuair a bha arm Èireannach
a' sabaid an aghaidh feachd Chrombail thàinig dreathain is
shuidh iad air drumaichean nan Èireannach. Chuala feachd
Chrombail am fuaim agus chuir iad àireamh mhòr de
na h-Èireannaich gu bàs agus a-nise air Là
Naomh Stephain bidh clann Èireannach a' cur ruaig air dreathain
agus a' feuchainn rim marbhadh.
Tha sgeulachd ag innse cuideachd gun do rinn dreathan-donn
nead ann an cleòca Naomh Malo aig aon àm is nach do
chuir an naomh sin a chòta air gus an robh an t-eun deiseil
leis.
Bha na draoidhean uabhasach measail air an eun
seo agus chithear dealbhan dhiubh le dreathan-donn rin taobh. Ann
am beul-aithris Sasannach b' e druid-bird a chanar ris.
Tha iomadh abairt ann mun dreathan-dhonn is iad
a' dèanamh tàir air ach ged a tha e beag chan eil
e bog mar a chì sinn bhon sgeulachd seo.
Tha sgeulachd ainmeil ann an dualchas nan Gaidheal
mu àm nuair a bha na h-eòin a' feuchainn ri rìgh
a thaghadh dhaibh fhèin a rèir dè an t-eun
a b' àirde a dh'itealaicheadh. Bha an iolaire cho cinnteach
gur ise a bhiodh air a taghadh ach b' ann a dhìrich an dreathan-donn
air druim na h-iolaire gun fhios agus nuair a bha an iolaire os
chionn chàich leum an dreathan bho druim agus bha e na b'
àirde na i.
Nuair a bha an iolaire shuas dh'èigh
i, "Càite a bheil thu a dhreathain-dhuinn?
Fhreagair an dreathan-donn, "Tha mi an seo os do chionn."
Mar sin ghlèidh e an tiotal!
Seo na tha guth an dreathain
ag ràdh:
Thig, thig, thig, a dhìol-dèirce
thig, thig, thig, a ghille-frìde
is gillean-frìde na h-eòin uile
ach mise leam fhìn
ach mise leam fhìn
gillean-frìde, gillean-frìde.
Tha na dreathain a th' anns na h-eileanan
nas motha na eòin tìr-mòir. Bhathas a' creidsinn
anns na h-eileanan ged a bheireadh dreathan iomadh ugh gum b' e
dusan a thigeadh a-mach an-còmhnaidh; cha bhiodh barrachd
no na bu lugha na sin ann aig àm sam bith.
Ainmean eile airson dreathan-donn:
Ballan-oir
Conan-crìon
Dreòlan
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|