An Eala
Tha an eala a' nochdadh ann am mòran
de dh'òrain mar shamhla air cianalas agus cuideachd ann am
beul-aithris na h-Alba is na h-Èireann co-cheangailte ri draoidheachd.
Bha
ìomhaigh mhath aig an eala a-riamh anns na h-eileanan siar
agus cuid a' creidsinn gur e boireannach math fo gheasaibh a bh'
innte. Gus an là an-diugh 's e eucoir mòr a th' ann
ma thèid eala a mharbhadh agus anns na seann làithean
bhathas a' creidsinn, nan deigheadh ealachan fhaicinn faisg air
àite sam bith, gur e spioradan nan daoine a chleachd a bhith
a' fuireach san àite a bh' annta.
Ann am Beinn na Faoghla b' e deagh chomharra a
bh' ann nan cluinnteadh ealachan mus tigeadh an là air Dihaoine
ach aig tuiteam na h-oidhche Dihaoine bha guth an eala ga ghabhail
mar dhroch shamhla.
Chluicheadh seann phìobairean na Gaidhealtachd
fuaim coltach ri guth na h-eala air a' phìob no air an fhìdeig.
Tha òrain ann cuideachd far a bheil cuspair gràidh
air a h-ainmeachadh mar eala oir bha an eala brèagha dha-rìribh.
Ged a tha
coltas brèagha oirre 's ann an-còmhnaidh ri bròn
a tha i mar a chì sinn bho na rainn a leanas:
Gu-bhi-gì, gu-bhi-gò,
mo thuras dubh, mo thuras dubh, mo thuras dubh
mar dhealaich sinn;
mo thuras dubh a thug mi a dh'Èire
mo chruaidh lèir mar dhealaich sinn.
Agus tha fear eile ag ràdh:
Guth na h-eala is i sa cheò
guth na h-eala 's i a' bròn
guth na h-eala moch-thràth lò
guth na h-eala air an lòn.
Mo leth-chas dubh
mo leth-chas dubh
mo leth-chas dubh air mèirseal
mo leth-chas dubh
am beul an t-sruth
is tè dhiubh glugach reubte.
Cuideachd:
Gu-bhi-gì, gu-bhi-gò
gu-bhi-gì, gu-bhi-gò
gu-bhi-gì, gu-bhi-gò
gu-bhi-gì, gu-bhi-gò.
Mo chasan dubh
mo chasan dubh
mo chasan dubh
's mi fhìn glè-gheal.
Chreachadh mo nead
chreachadh mo nead
chreachadh mo nead
's mi fhìn an Èirinn.
Ann an uirsgeulan cluinnear gur e òran
fìor bhrèagha a sheinneas an eala dìreach mus
bàsaich i agus tha a' bheachd-smuain sin air a thighinn dhan
dualchas againn fhìn ann an dòigh oir canar sa Bheurla
swan-song ri deagh obair a nì duine mus leig e dheth an obair
sin.
Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil nàire air an eala ri linn
's gu bheil cas dhubh oirre agus mar sin gum bi i a' feuchainn ri
falach oir 's ann glè ainneamh a chithear i.
Ann an cuid de choimhearsnachdan ann an Leòdhas thathas den
bheachd gur e ro-aithris air droch aimsir a th' ann ma nochdas an
eala air loch, gu h-àraidh mura h-àbhaist dhi a bhith
ann.
Tha spot bheag dhearg air teanga na h-eala is bhathas a' creidsinn
gur e spot de fhuil an t-Satain a bha seo is gun robh seo a' toirt
comas dhi faicinn dè bha dol a thachairt agus air rabhadh
a thoirt seachad.
Bha boireannach ann an Uibhist den bheachd gum
b' e a seanmhair a bh' ann an eala shònraichte a bha i a'
faicinn air Loch Bì.
Chithear dealbhan eala air crèadhadaireachd
bho Linn an Umha agus tha sin ag innse dhuinn gun robh na daoine
sin a' creidsinn ann an sgeulachdan mu deidhinn no gun robh i cudthromach
dhaibh ann an dòigh air choreigin.
Bha an teaghlach rìoghail anns na h-amannan
a dh'fhalbh a' toirt urram don eala agus bha i air suaicheantas
Rìgh Eideird I agus eadhon gus an là an-diugh 's ann
leis a' Chrùn a tha na h-ealachan a th' air Abhainn Thames.
Tha iomadach taigh-òsta is taigh-seinnse
cuideachd air a h-ainm a ghabhail.
Tha iomadh sgeulachd againn ag innse mar a chaidh
daoine a thionndadh nan ealachan; 's dòcha gur e Clann Lir
as ainmeil dhiubh sin.
Tha ealachan a' nochdadh ann an sgeulachd co-cheangailte
ri Coinneach Odhar; mus deach a chur gu bàs thug Coinneach
Odhar a chlach do charaid gus an tilgeadh e i a-steach do Loch Usaidh
ach mhaoidh e air gun a' chlach a chleachdadh idir. Ged a gheall
a charaid sin dha cha b' urrainn dha a ghealladh a chumail agus
thug e sùil troimhpe. Cho luath 's a rinn e sin thàinig
còmhlan ealachan a-nuas os a chionn le sgriachail uabhasach
agus shlaod aon dhiubh a' chlach a-mach à làimh an
duine is ruaig an còrr dhiubh e air falbh bhon loch. Ghabh
an duine bochd uiread de dh'eagal is nach robh e deònach
bruidhinn mun tachartas.
Ainmean eile airson eala:
Eala (Mute swan)
Eala
(Whooper swan)
Eala-bhàn
(Mute swan)
Eala-bhàn
(Whooper swan)
Eala-bheag
(Bewick's swan)
Eala-fhiadhaich
(Whooper swan)
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|