GRD > Beul-aithris > Eòin > Am Fitheach
Beul-aithris - Eòin


Am Fitheach
Tha am fitheach a' nochdadh ann am beul-aithris is saobh-chràbhadh iomadh dùthcha, cuid dhiubh ga mheas mar eun math is cuid eile mar dhroch shamhla. Tha iad a' tighinn beò air sgudal, air closaich is air nithean salach agus chithear iad gu tric mu thimcheall tiùrr sgudail.

Tha iomadh seanfhacal againn sa Ghàidhlig mu fhithich agus tha sin fhèin a' sealltainn gun robh iad cudthromach do na Gaidheil ann an dòigh air choreigin.

Tha fitheach, feannag, cathag is ròcais den aon teaghlaich agus mar sin, tha na tha fìor mun fhitheach fìor mun fheadhainn eile cuideachd gu ìre air choreigin.

Am Fitheach

Tha iomadh rann againn sa Ghàidhlig co-cheangailte ri fithich; seo dhà dhiubh:
"Gròg, gròg, gròg," ars am fitheach,
"is e mo mhac a spioladh an fheòil."
"Gàg, gàg," ars an fheannag,
"is e mo mhac an garrach gorm."

"Sùgh cridhe, sùgh colainn
robhachan dubh," ars an fheannag.
"Sùgh cridhe, sùgh colainn
Dhòmhnaill, gur bòidheach thu," ars an fheannag.

'S e samhla air aonaranachd a th' annta cuideachd agus, gu h-iongantach, tha iad cuideachd a' samhlachadh taingealachd, gliocas, maireannachd, bàs is toradh.

Ann am beul-aithris bha am fitheach co-cheangailte ri bàs is cogadh agus bha e air brataich cuid de na Lochlannaich. Bha iadsan a' meas gur e eun naomh a bh' ann agus bha dà fhitheach aig an dia, Odin, fear dhiubh leis an ainm, Smuain is am fear eile, Cuimhne; bhiodh iad ag innse a h-uile càil a bha a' dol san t-saoghal dha.

Tha sgeulachd eile ag ràdh gur e dà fhitheach a thàinig à Neamh a threòraich Alasdair Mòr tron fhàsach.

Ann an fionnsgeulan Ceilteach bha a' bhana-dia, Morrigan, a' gabhail cruth fithich ann am batal agus a' toirt buaidh air an taobh a bhiodh na h-aghaidh. An dèidh a' bhatail thigeadh i a dh'ithe nan corp.

Cha robh tlachd sam bith aig ar sinnsearan anns an fhitheach oir bha iad ga mheas mar dhroch shamhla. B' e Dòmhnall Dubh aon de na h-ainmean a bh' aca air. Bha e na shamhla air peacadh, gu h-àraidh air geòcaireachd, air goid is air droch oideachadh.

Ann am beul-aithris na Gaidhealtachd bhathas a' creidsinn nam faicear fitheach faisg air taigh gum b' e droch chomharra dha-rìribh a bh' ann, gu h-àraidh ma bha duine tinn san taigh oir b' e fàileadh a' bhàis a thàlaidh iad ann. Bha seanfhacal ann co-cheangailte ri seo:

Fitheach dubh air an taigh
fios gu nighean an dathadair.


Bha seo a' ciallachadh gum feumte aodach a dhath dubh air sgàth a' bhàis.

Bha muinntir Hiort a' creidsinn gun robh cumhachd fàisneachd aige cuideachd agus bha luchd-seilge Gaidhealach a' smaoineachadh gur e deagh chomharra a bh' ann fitheach fhaicinn mus deigheadh iad a shealg.

Chan eil eun ann a lorgas closach cho luath ri fitheach. Bhathas den bheachd aig aon àm gum biodh fithich a' marbhadh am pàrantan air Là na Càisge, ge bith carson. Bha fionnsgeul eile ag ràdh nan deigheadh a' chiad deoch a thoirt do naoidhean à claigeann fithich gum fàsadh an leanabh sin gu bhith fìor glic is le eòlas air cànan nan eun.

Bha ràdh ann a bha ag ràdh, "Tha fios fithich aige". Bha sin a' ciallachadh gun robh rudeigin os-nàdarra mu thimcheall.

Bha cruth pàganach aig an fhitheach cuideachd oir bha cuid a' creidsinn gum biodh daoine nach deach am baisteadh a' dol nam fithich.

Thathas ag ràdh gu bheil fithich gu math dìleas don treubh fhèin is gum bi iad a' coimhead às dèidh càch a chèile ma bhios iad ann an trioblaid. Anns an dòigh seo tha iad coltach ri daoine. Tha fios aig a h-uile duine nach eil guth seinn aca ach mus tèid iad a chadal bidh iad a' dèanamh stàirnich mhòr dìreach mar chloinn. Bidh iad cuideachd a' cruinneachadh nan greighean is canar pàrlamaid nan ròcais no nam fitheach ri seo. Mar sin, chithear gu bheil iomadh beachd ann co-cheangailte ri fithich; tha iad mar eòin cothromachaidh eadar an duine is Nàdar.

Tha am fitheach air suaicheantas Chloinn Dhùghaill.

Tha fithich air a bhith ann an Tùr Lunnainn o chionn 900 bliadhna agus thathas ag ràdh ma dh'fhàgas iad e gun tuit e (gun tuit an Crùn). Tha e coltach, ged-thà, gun deach sgiathan fithich an tùir a ghearradh is mar sin chan urrainn dhaibh an tùr fhàgail!

Tha iomadh àite air feadh na dùthcha air ainmeachadh mar chreag an fhithich oir gu tric 's ann ann an àiteachan iomallach a bhios iad a' neadachadh. Tha creag leis an ainm seo air an rathad gu Inbhir Nis agus fhuair i an ainm oir bhiodh bàl aig na fithich an sin a h-uile bliadhna!

Tha sinn a' coinneachadh ris an fhitheach ann an leabhar Ghenesis oir b' e am fitheach a chuir Noah a-mach an toiseach às an àirc ach b' e fitheach geal a bh' ann! Bha e a' falbh bho àite gu àite a' lorg gus am faiceadh e an robh na h-uisgeachan a' tiormachadh. Tha cuid de dhiathairean den bheachd gun robh e mar mòran dhaoine, ga bhiathadh fhèin air sgudal an t-saoghail seo. Ann an sgeulachdan Iùdhach, pheanasaich Noah am fitheach airson cho fada 's a thug e gun tilleadh chun àirce agus rinn e dubh e is thug e air a bhith ag ithe chlosaichean o sin a-mach. B' e am fitheach, cuideachd a thàinig le biadh gu Elijah. Ann an leabhar Lùcais chì sinn na facail, "Thugaibh fa-near na fithich oir chan eil iadsan a' cur no a' buain, chan eil aca taigh-tasgaidh no sabhal; agus tha Dia gam beathachadh." Tha seo mar shamhla air creideamh is dìlseachd.


'S e eun inntinneach a th' anns an fhitheach ceart gu leòr.

Ainmean eile airson fitheach:
 Biadhtach
 Coirbidh
 Dòmhnall Dubh
 Garrach (Fitheach òg)
 Neabhan
 Preachan(-cnàimheach)
 Teathra

© na dealbhan Christine Campbell & GRD