|
An Gille-Brìghde
Tha an t-ainm Beurla, oyster-catcher,
a' ciallachadh dìreach gur ann air eisirean a tha iad beò
agus tha iad sin ann an Uibhist far a bheil an gille-Brìghde
cumanta. 'S ann mu na cladaichean a tha na h-eòin seo an-còmhnaidh
agus tha iad glè chumanta anns na h-eileanan.
Tha
meas mòr aig na h-eileanaich air an eun seo agus tha an t-ainm,
Gillebrìde air iomadh balach ann an Uibhist. Tha barrachd
air a ghabhail a-steach anns an ainm Ghàidhlig.
Mar iomadh eun eile, tha ceangal aig an eun seo ri Crìosd
is ri Crìosdaidheachd.
Ann an seann sgeulachd tha aithris air a dhèanamh air Crìosd
a' ruith bho nàimhdean anns na h-eileanan agus dà
ghille-Brìghde ga dhìon. Tha e coltach gun do chuir
iad air falach san fheamainn E agus gur ann airson sin a fhuair
na h-eòin seo an t-ainm - gille no searbhant Brìghde,
bana-naoimh nan eilean agus muime Chrìosd fhèin.
Thathas a' creidsinn gur ann gu Cille Bhrìghde ann an Uibhist
a Deas a thàinig Brìghde an toiseach agus gun robh
dhà de na h-eòin sin na cois.
Eu-coltach ris an fhitheach a thionndaidh bho bhith geal gu bhith
dubh, b' ann dubh a bha an t-eun seo an toiseach ach chaidh a bhroilleach
a dhèanamh geal ann an cumadh croise airson na dìon
a thug e do Chrìosd. Nuair a chì thu an t-eun seo
ag itealaich mu do choinneimh tha a' chrois seo gu math follaiseach.
Nuair a bhios àl no a nead ann an cunnart bidh an t-eun seo
a' cur charan os an cionn is ag èigheach ri Crìosd
airson an dìon, mar a dhìon iad fhèin Esan
aig aon àm.
Tha guth a' ghille-Brìghde
ag ràdh:
Eòin bhig, eòin bhig
bi glic, bi glic
fo dhìon, fo dhìon
fo dhìon, fo dhìon
agus air iteig:
Trìlleachan, trìlleachan
Gob dearg, gob dearg
agus san tràigh:
Och is och is och mo dhunaidh
mise an seo an cois na tuinne
is mi gun bhuille den t-snàmh
Bha seòladairean a' smaoineachadh gur e
rabhadh mu dhroch aimsir a bh' ann.
Ainmean eile airson gille-Brìghde:
Brìdean
Brìd-eun
Dolaid
Drìlleachan
Trìlleachan
Uiseag
na Tràighe
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|