|
An Traon
Ged a bha an t-eun seo gu math cumanta anns
na h-eileanan aig aon àm tha na h-àireamhan air a
dhol sìos gu mòr agus tha e a-nis air a dhìon
agus oifigear ann airson an dìon sin a thoirt dha. Ri linn
sin tha na h-àireamhan ag èirigh beagan.
'S
e corncrake a chanar ris sa Bheurla agus tha e air falbh mar a dh'fhalbh
an coirce fhèin oir b' ann air sin a bha e a' biadhadh. 'S
iongantach mur deach mòran dhiubh a mharbhadh nuair a thòisich
daoine a' cleachdadh innealan-buaine, cuideachd.
Ged a chluinnear guth an traoin 's ann glè ainneamh a thèid
fhaicinn agus tha coltach gur e an t-eun fireann a bhios a' seinn.
Tha nead an traoin gu math doirbh a lorg.
Bidh iad a' tighinn gu na h-eileanan sa Chèitein is san Ògmhios
agus a' falbh san t-Sultain.
Seach nach bi an t-eun seo a' fuireach ach greis bheag mar seo bha
na h-eileanaich aig aon àm ga mheas naomh. Bhathas a' creidsinn
gur ann gu na sìthichean a bha iad a' dol nuair a dh'fhalbhadh
iad agus cuid eile a' smaoineachadh gur ann bho saoghal eile a bha
iad a' tighinn.
Ann an Uibhist, b' e Eun-sìthiche nan Gaidheal a chanar ris.
Bha feadhainn eile a bha a' creidsinn nach robh e a' falbh sa gheamhradh
idir ach gun robh e a' dol fo thalamh no eadhon fo uisge sa gheamhradh.
Bha beachd eile a' dol gu robh traoin a' tionndadh nan radain as
t-earrach an dèidh a bhith fon uisge fad a' gheamhraidh.
Nuair a chluinnear guth an traoin bidh dùil ri uisge. Bha
cuid a' creidsinn gur ann na shìneadh air a dhruim a bha
an traon nuair a bha a ghuth ri chluinntinn. Bidh e a' dol dhan
t-suidheachadh seo gus leigeil air gu bheil e marbh.
Tha feadhainn eile a' creidsinn nach tig reothadh aon uair 's gun
cluinnear guth an traoin; gur ann ag innse gu bheil an samhradh
a' tighinn a tha e.
Guth an traoin:
A Dhia nam feart, a Dhia nam feart
cur biadh sa ghart, cur biadh sa ghart
no:
Gràn air dèis
min air mhèis
gràn air dèis
min air mhèis
Ainmean eile airson traon:
Bramach-roid
Cleabhair-caoch
Corra-ghoirtean
Dreòghann
Eun-rap
Garra-gart
Garra-gort
Greadaran-trèine
Rac
an Arbhair
Rac
an Fheòir
Trataran
Trèan-ri-trèan
Trèun-ri-trèun
Trian-ri-trian
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|